Glèidhteachas chat fhiadhaich

Chaidh sia àiteachan a dh'fhaodadh a bhith nan sgìrean glèidhteachais do chait fhiadhaich ainmeachadh às dèidh do rannsachadh a bhith air a dhèanamh do Dhualchas Nàdair na h-Alba.

'S iad Glinn Aonghais, Srath Bhalgaidh ann an Siorrachd Obar Dheathain, Gleann Ath-Fhionn ann am Moireibh, agus a' Mhorbhairne, Srath Pheofhair agus Srath Thulnain air Ghàidhealtachd.

Tha cait fhiadhaich ann an cunnart a dhol à bith ri linn 's gu bheil iad a' briodadh le cait àbhaisteach, air sgàth thinneasan agus seach gu bheil an àrainneachd anns a bheil iad beò ag atharrachadh.

Tha an luchd-rannsachaidh den bheachd gur e seo na prìomh sgìrean anns am biodh cait fhiadhaich dualtach soirbheachadh.

Chaidh eadar aon agus ochd cait fhiadhaich a chlàradh aig na làraichean.

Ann am pròiseict eile, chaidh sgìre Àird nam Murchan a chomharrachadh mar thèarmann do chait fhiadhaich anns an Iuchar.

Tha cait a th' aig daoine nam peataichean faisg air an sgìre air an spoth gus nach bi iad a' briodadh le cait fhiadhaich.