Bun-sgoil Ghàidhlig a' cur thairis

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Tha cha-mhòr 200 sgoilear air a' chlàr an-dràsta aig an sgoil.

Thèid iarraidh air Comataidh Foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd cùisean a chur air dòigh san aithghearrachd airson dèiligeadh ri mar a tha uimhir de sgoilearan ann an Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

San fharsaingeachd ann an Inbhir Nis, is coltach gum bi barrachd sgoilearan ann na tha de dh'àitichean dhaibh sa bhaile an ceann mìos no dhà.

Beachdaichidh comhairlichean a-nis air casg a chur air àitichean a thoirt do chloinn ann an sgoiltean bhon Fhaoilleach.

Tha baile Inbhir Nis air fàs gu mòr o chionn beagan bhliadhnaichean agus tha sin air cuideam a chur air sgoiltean ri linn 's na th' ann de chloinn.

Tha aithisg mu choinneimh bhall Chomataidh an Fhoghlaim a' moladh rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh san ùine fhada agus anns an aithghearrachd.

Thathas gu sònraichte a' coimhead air suidheachadh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, agus fèill mhòr air àitichean an sin a' fàgail gu bheil i cha-mhòr a' cur thairis.

Tha còrr air 200 sgoilear air a' chlàr an-dràsta.

Anns an fharsainneachd tha molaidhean bho Riaghaltas na h-Alba ìrean a stèidheachadh airson na ghabhas sgoiltean.