Beartan Urras Mhuaitheabhail

Beart
Image caption Chaidh a' chompanaidh a bha gu bhith a' leasachadh an tuath-ghaoithe à bith.

Tha Urras Mhuaitheabhail air na Lochan an Leòdhas air còig beartan a cheannach.

Tha iad a-nise a' trèanadh ceathrar dhaoine òga airson na beartan a ghabhail air màl.

Chaidh an t-Urras a stèidheachadh le airgead bhon chompanaidh a bha am beachd tuath-gaoithe a thogail an Ceann a Deas nan Loch.

Chosg gach beart còrr air £20,000.

Thuirt Cathraiche Urras Mhuaitheabhail, Iain MacÌomhair, gun robh iad a' coimhead ri dè a dhèanadh feum dhan choimhearsnachd agus gur e obraichean a chruthachadh fear de na prìomh amasan a bh' aca.

Bha e ag ràdh: "Bha fios againn gun robh daoine a' miannachadh tòiseachadh a' breabadaireachd, ach nach robh cothrom aca beartan fhaighinn."

Tha ceist ann ge-tà dè cho fada sa thèid ionmhas an Urrais ri linn 's gun deach a' chompanaidh a bha a' dol a leasachadh an tuath-ghaoithe à bith.

Thuirt Mgr MacÌomhair: "Airson an t-airgead fhaighinn mar a bha dùil, dh'fheumadh a' phròiseict a dhol air adhart.

"An-dràsta 's e an t-airgead a bh' againn bhon aonta agus na cùmhnantan a bh' ann, agus tha sin sàbhailte, agus 's e an t-airgead sin a th' againn an-dràsta anns an Urras agus 's ann leis an airgead sin a bhios sinn a' cur air adhart phròiseictean den t-seòrsa agus a' cuideachadh phròiseictean eile anns a' choimhearsnachd."