Iomairt nan eun
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Mhoireibh ag iarraidh air daoine gun a bhith a' tilgeil bidhe air falbh ann an oidhirp smachd fhaighinn air faoileagan.
Dh'aontaich an t-ùghdarras iomairt a chur air dòigh as t-earrach an ath-bhliadhna ro sheasan àlachaidh nan eun.
Bheir iad comhairle do dhaoine mu bhith a' cur stad air faoileagan bho bhith a' neadachadh air togalaichean.
Cuideachd, thèid postairean a chur suas ann an sgìrean far a bheil trioblaid mhòr le faoileagan.