Sgrùdadh air ceangal-rathad Inbhir Nis

Thèid sgrùdadh poblach ionadail a dhèanamh no bidh èisdeachd ann air na planaichean airson ceangal-rathad an iar Inbhir Nis.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson rathad a thogail thairis air Abhainn Nis agus an Canàl Cailleannach gus nach bi an trafaig cho trang ann am meadhan a' bhaile.

Tha daoine a tha an aghaidh nam planaichean ag ràdh gun caill Inbhir Nis pìosan de phàircean, agus gun deach an t-slighe a thaghadh gus am faigheadh luchd-leasachaidh air taighean ùra a thogail.

Cosgais

Canaidh iad cuideachd gu bheil a' phròiseict ro dhaor, is dùil gun cosg an obair £43m.

Tha uachdarain aig a bheil talamh faisg air làimh air a bhith a' gearain gu bheil a' chomhairle a' cleachdadh òrdughan ceannach airson fearann fhaighinn an aghaidh an toil, agus thug sin air oifigearan còmhdhail Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh poblach ionadail neo èisdeachd iarraidh cho luath sa ghabhas.

Fàilte

Chuir neach-labhairt bhon chomhairle fàilte air an rannsachadh, is iad ag ràdh gum bi e a' ciallachadh gum faigh pròiseict a tha cho cudthromach do dh'Inbhir Nis air gluasad air adhart.

Cha deach ceann-là airson an sgrùdaidh no na h-èisdeachd a chur air dòigh fhathast.