Soraidh slàn Ailig Salmond

Thuirt cuideigin gur ann le fàilligeadh a thig gach beatha phoileataigeach go crìch.

A-màireach, tòisichidh seachdain mhòr ann am beatha phoileataigeach na h-Alba, agus Ailig Salmond, a tha air a bhith na phrìomh mhinistear nas fhaide na duine sam bith eile, a' leigeil dheth a dhreuchd.

An toiseach, seasaidh e suas airson ceistean nam ball a fhreagairt airson na h-uair mu dheireadh.

An uair sin, thèid luchd an SNP gu Peart airson co-labhairt a' phàrtaidh, far an toir e an òraid mu dheireadh aige seachad Dihaoine.

An ath là, cluinnidh buill a' phàrtaidh nàiseanta bhon cheannard ùr aca agus iad airson cluinntinn dè an seòrsa prìomh mhinistear a bhios innte.

Thèid Nicola Sturgeon ainmeachadh mar phrìomh mhinistear leis a' Phàrlamaid Albannaich an ath-sheachdain.

Magadh

Aig a' cheann-thall, dh'fhàillig air Ailig Salmond taic fhaighinn airson neo-eisimeileachd bhon t-sluagh Albannach anns a' chiad bhòt a bha aca a-riamh air a' chùis.

'S e briseadh-dùil mòr pearsanta a bha sin do Mhgr Salmond agus do mhuinntir a' phàrtaidh aige, na seann saighdearan agus an luchd-iomairt ùr.

A dh'aindeoin sin, ge-tà, cha chanainn gun cluinn sinn tòrr mu 'fhàilligeadh' Dihaoine nuair a their an SNP soraidh slàn leis an duine a bha na cheannard dhaibh dà thuras, fad fichead bliadhna uile gu lèir.

Bidh cuimhne cuid air staid a' phàrtaidh ro linn Mhgr Salmond - a-mach air an iomall, na adhbhar magaidh.

Fad bhliadhnaichean, bha fiù 's fèin-riaghlaidh na aisling a-mhàin.

A-nis 's iad an SNP am pàrtaidh poileataigeach as motha ann an Alba le còrr is 80,000 ball agus mòrchuid ann am pàrlamaid ann an Dùn Èideann aig a bheil dùil ri barrachd chumhachdan anns an àm ri teachd.

Geall

Shoirbhich le Ailig Salmond èisteachd fhaighinn don SNP.

Gus sin a dhèanamh, b'fheudar dha èigheachd uaireanan, rud nach do chòrd ris a h-uile duine.

Anns na h-agallamhan a rinn mi fhìn leis, fhuair mi gun robh e doirbh a leughadh, mar shàr-chluicheadar chairtean nach sealladh dhut na smaointean aige.

Là às dèidh mar a chuir muinntir na h-Alba romhpa gun Mhgr Salmond a leantainn air an t-slighe gu Alba neo-eisimeilich, chluich e e a' chairt mu dheireadh aige.

Nuair a thuirt e gum falbhadh e, dh'atharraich e an sgeulachd, a' toirt cothrom don phàrtaidh toiseachadh as ùir fo stiùir Nicola Sturgeon.

B' e sin an geall mu dheireadh aige, gun toireadh sin an cothrom as fheàrr neo-eisimeileachd a ruighinn - agus 's e an tuaiream aige nach fhada gus am faic daoine gun robh e ceart.