Dàrna sgoil Ghàidhlig a dhìth?

Sgoil
Image caption Tha an sgoil Ghàidhlig a' toirt na h-uimhir de dh'fhaochadh do sgoiltean eile, a rèir na Comhairle.

Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim Chomhairle na Gàidhealtachd gum feumar beachdachadh air sgoil Ghàidhlig eile a thogail ann an Inbhir Nis, leis na tha de dh'iarrtas ann airson àiteachan san sgoil a th' ann.

Bha Comhairlichean a' deasbad Diciadain mar a bu chòir dhaibh dèiligeadh ri mar a tha 12 bhun-sgoiltean sa bhaile faisg air a bhith làn, no a' cur thairis.

Thèid coimhead air gach bun-sgoil fa-leth feuch dè an dòigh as èifeachdaiche air dèiligeadh ris a' chùis.

Thuirt Alasdair Christie gu bheil Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' fàs chun na h-ìre gur dòcha gum feumar coimhead ri Sgoil Ghàidhlig eile a thogail sa bhaile.

Dàrna sgoil Ghàidhlig

"Tha coltas ann gum bi casg air àireamhan na cloinne ùire aig cuid de sgoiltean, agus tha sin a' ciallachadh nach biodh e cho coltach gun gabhte ri iarrtasan bho phàrantan a tha a' fuireach taobh a-muigh sgìrean nan sgoiltean sin," thuirt e.

"'S e adhbhar na trioblaid gu math tric, pàrantan a' roghnachadh sgoile nach eil anns an sgìre aca fhèin, feuch gum bi a' chlann a' dol chun na sgoile as fhaisge orra.

"Aig an sgoil Ghàidhlig feumaidh sinn coimhead ri fuasglaidhean fhaighinn, oir tha sinn gu mòr airson cànan na Gàidhlig fhàs.

"Tha an sgoil Ghàidhlig air an rathad-sgaoilidh a deas. Gu leòr den chloinn a tha a' dol ann, mura b' e gun robh, bhiodh iad a' dol chun nan sgoiltean eile san sgìre a tha fo chuideam mhòr mar thà.

"Mar sin dheth, tha an sgoil Ghàidhlig a' toirt faochaidh do na sgoiltean Loch Àrdail, nan Ìnnseagan, agus Bhaile Muileann an Lèighis," thuirt e.

Tha ceist ann fhathast ge-tà, mu cho làn 's a tha an sgoil Ghàidhlig, agus dùil ri leudachadh a bharrachd.

Thuirt Mgr Christie gu bheil grunn roghainnean mu choinneimh na Comhairle a thaobh na sgoile Gàidhlig, agus gun tèid beachd nam pàrantan fhaotainn.

"Tha na h-uimhir de dh'fhuasglaidhean ann, agus feumar bruidhinn orra sin le Comhairle Phàrantan na sgoile," thuirt e.

"Dh'fhaodadh, san ùine fhada, gur e an co-dhùnadh gu bheil an dàrna sgoil Ghàidhlig a dhìth.

"Dh'fhaodadh cuideachd gun cuir sin clann P7 a-steach gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, no gun cuir sinn aonadan a bharrachd le goireasan freagarach airson ithe agus taighean beaga air an làraich a th' ann.

"Tha sinn aig ìre thràth fhathast, agus feumaidh sinn coimhead air a h-uile roghainn gu math dlùth, iad a dheasbad leis na comhairlean phàrantan agus na coimhearsnachdan feuch am fuasgladh as fheàrr fhaighinn do gach sgoil," thuirt e.

Thèid a-niste barrachd rannsachaidh a dhèanamh air a' chùis, agus tha dùil gun tèid aithisg eile a chur mu choinneimh Comataidh Baile Inbhir Nis air an ath-mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo