Eòlaiche a' phlùic sna h-Eileanan

Caoraich
Image caption Bidh am plùc a' milleadh grùthain a' bheathaich.

Tha eòlaiche air a' ghalair ris an canar am plùc, an Dr. Philip Skuce bho Institiùd Moredun, a' tadhal air na h-Eileanan an Iar is e a' toirt seachad òraid ann an Steòrnabhagh oidhche Ardaoin.

'S e biast a th' anns a' phlùc a tha a' dèanamh milleadh air gruthain bheathaichean agus tha e gu h-àraid bitheanta ann an caoraich.

Anns na h-Eileanan an Iar tha am plùc lionmhor agus na thrioblaid mhòr do chroitearean.

Tha duilgheadasan sònraichte aig croitearan ann a bhith a' dèiligeadh ris a' phlùc, ri linn cho beag de thalamh 's a th' aig mòran aca.

Grùthan millte

"'S e seilcheag a th' ann aig deireadh an là," thuirt Niall Macleòid, a tha gu math eòlach air a' ghalar e fhèin.

"'S ann an leithid àm den bhliadhna tha i buileach dona. Gu h-àraid air là fliuch.

"Agus mar a tha an talamh an-diugh chan eil sinn ga chleachdadh mar a bha sinn uaireigin, tha luachair ann, 's chan eil drèanaichean ann mar a bha uaireigin.

"Tha an t-seilcheag dìreach freagarach dha-rìribh airson a bhith beò ann an àite mar sin," thuirt e.

Tha an trioblaid cho mòr 's gur ann air èiginn a gheibhear grùthan air ais bhon taigh-spadaidh, 's iad cha-mhòr uile air am milleadh leis a' phlùc.

Faodar "drench" a chleachdadh airson dèiligeadh ris a' phlùc, ach chan eil sin làidir gu leòr airson cur às dha buileach.

"Tha e a' dèanamh cuideachadh, agus bhiodh e ceàrr gun a bhith ag obair leis na drenchichean. Ach an drench a tha thu a' cleachdadh aon bhliadhna, dh'fheumadh rudeigin eadar-dhealaichtre a bhith agad an ath-bhliadhna, airson, ma chleachdas tu ro fhada an aon rud, fàsaidh iad cleachdte air.

"Ach rud eile, an rud as duilghe dhuinn idir, 's e nam faigheadh tu talamh glan, talamh às ùr. Ach tha an talamh a th' againne cho beag. Chan eil sinn cho fortannach 's gun urrainn dhuinn sin a dhèanamh.

"Sin na bhios na tuathanaich mhòra a' dèanamh. Fàgaidh iad an talamh bàn airson treiseag, 's cuiridh iad na beathaichcean air ais air. Tha sin a' dèanamh cuideachadh mòr," thuirt e.

Tha Mgr MacLeòid an dùil gum bi an Dr. Skuce comasach air freagairt a thoirt do chroitearan air mar a dhèiligeas iad ris a' phlùc.

"Innsidh sinn dha an suidheachadh anns a bheil sinn fhìn an-dràsta, agus bidh sinn a' faighneachd dha cionnas a ghabhas e leasachadh?

"Dè a' chomhairle a bheireadh e dhuinn?

"Agus a bharrachd air sin, bu chaomh leinn nam b' urrainn dhuinn, 's nam biodh esan deònach, obrachadh còmhla ris, 's gun can sinn ris a h-uile bliadhna, ma bhruidhneas sinn ris an taigh-spadaidh 's cantainn gun deach leithid seo de bheathaichean a mharbhadh, cò mheud a chaidh a shàbhaladh?

"Bheireadh sin beachd dha, 's thuigeadh e an uair sin gu bheil sinn ann an suidheachadh gu math gu math duilich, 's gum feumar rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

"'S e Mordun, tha mi a' creids' gur e an t-àite as adhartaich ann am Breatainn air galar 's tinneas chaorach agus chruidh.

"Mur a faigh sinn freagairt bhuapasan, cà am faigh sinn e?" thuirt e.

Bidh fàilte air duine sam bith le ùidh sa chùis a thighinn a dh'èisteachd ris an Dr. Skuce aig Taigh-òsta a' Chounty ann an Steòrnabhagh oidhche Ardaoin aig 7:30f.