Dragh mu ghearradh shailleadh
- Air fhoillseachadh

Tha draghan gan togail air a' Ghàidhealtachd mu na dh'fhaodadh tachairt ma tha nas lugha de rathaidean gan sailleadh thairis air mìosan a' Gheamhraidh.
Bha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh nach bu chòir rathaidean air a bheil nas lugha na fichead car a' siubhail eadar 9:00f agus 06:00m a shailleadh.
Tha tighinn air a' Chomhairle an tuilleadh airgid a chùmhnadh, agus iad ag ràdh gun sàbhaileadh leithid de phlana £500,000 dhaibh.
Ach ann am beachd Thormoid MhicLeòid a bha na Shuperintendent air a' Phoileas, dh'fhàgadh sin beatha dhaoine ann an cunnart.
Cìsean
"Tha seo ciallach gu leòr, mur a bheil thu air aonan de na carbadan sin agus a' fuireach suas sna glinn iomallach seo," thuirt e.
"Ma thachras tubaist air na rathaidean sleamhainn, agus gun tèid dràibhearan a leòn, bidh cosgais na cois.
"Gu seachd àraid na seirbheisean tasgaidh is slàinte 's na Poilis a thoirt a-mach, agus air a' cheann thall bidh a' chosgais tòrr nas motha na bha iad a' smaoineachadh.
"Mar sin tha mi den bheachd gu bheil an iomairt seo a' faighneachd barrachd cheistean na tha i a' freagairt.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhaibh coimhead air seo cuideachd, dè tha e a' dol a chosg dhaibh, chan e idir ann an salainn, ach ann am beatha dhaoine, agus a' chosgais airson na seirbheisean eile a thoirt a-mach.
"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e gu math tàmaillteach dha na daoine a tha a' fuireach thar bhliadhnaichean ann an àiteachan iomallach 's a' pàigheadh nan cìsean aca, 's nach eil iad a' faighinn nan seirbheisean seo," thuirt e.
Tha am poileasaidh an gnìomh aig Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh, ach chan ionnan suidheachadh na sgìre sin agus suidheachadh na Gàidhealtachd, a rèir Mhgr MhicLeòid.
"Ged a tha e a' tachairt ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, chan ann mar sin a bu chòir dha a bhith shuas air a' Ghàidhealtachd, far a bheil barrachd rathaidean saoilidh mise, àite nas motha.
"Agus ma thòisicheas iad a' gearradh sìos aon àm, bidh iad an uair sin, ma gheibh iad às leis, a' gearradh sìos tuilleadh ann an àiteachan eile," thuirt e.