Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh an t-Saoghail

Rinn Daibhidh Camshron dealbh dubhach air eaconamaidh an t-saoghail, le rabhadh gu bheil sgìre an airgid Euro an cunnart a dhol dhan treas crìonadh. Thuirt Mgr Camshron, ann an artaigil a sgrìobh e dhan Ghuardian an-diugh, gum faodadh a' mhì-chinnt sin a bhith cunnartach do dh'ath-bheothachadh eaconamach Bhreatainn.

Pàigheadh Bhancairean

Thuirt ceannard Banca Shasainn gum bu chòir toirt air bancairean a nì ceàrr pàirt den tuarastal aca a chall cuideachd, a bharrachd air bònas. Thuirt Mark Carney gum feum siostam ùr a chur air bhonn mus cuir am mòr-shluagh earbsa a-rithist sna bancaichean agus buidhnean ionmhais eile.

Trident

Dh'innis dithis den triùir a tha a' seasamh airson ceannas na Pàrtaidh Làbaraich an Alba gu bheil iad an aghaidh ùrachadh air armachd niuclasaich na Rìoghachd Aonaichte. Chuir Sarah Boyack a taic ri fear eile de bhuill na Pàrlamaid Albannaich, Neil Findlay, le a bhith a' cur an aghaidh ùrachaidh air na ceithir bàtaichean-aigeann niuclasach Trident air Linne Chluaidh. Tha iad air diofar bheachd ris an treas tagraiche, Jim Murphy, a bha na Rùnaire Dìon dùbhlanach.

Flù nan Eun

Chaidh dearbhadh gu bheil flù nan eun aig truathanas thunnag air taobh sear Shiorrachd York. Seo a' chiad chùis den ghalar ann am Breatainn bho chionn sia bliadhna. Thuirt Roinn an Àiteachais ann an Sasainn nach eil cunnart sam bith ann dhan mhòr-shluagh. Thèid 6,000 tunnag a spadadh, agus casg a chur air gluasad eun anns an sgìre faisg air an tuathanas.

An Stàit Ioslamach

Thuirt an Ceann-suidhe Obama gur e fìor olc a th' ann am murt an Aimeireaganaich Abdul-Rahman Kassig a bha am bruid ann an Siria. Sgaoil a' bhuidheann Ioslamach IS bhideo a' sealltain Mhgr Kassig, agus cuideachd buidheann de shaighdearan Sirianach gan cur gu bàs.

Band Aid

Chaidh an ceathramh dreach den òran aig Band Aid, Do They Know it's Christmas? air a' mhargaidh aig 08:00m an-diugh. Tha an single, air a bheil luchd-ciùil mar One Direction, Bono, agus Ellie Goulding, a' togail airgid dhan iomairt an aghaidh a' ghalair Ebola air taobh siar Afraga.