Co-là-breith Chòisir Inbhir Pheofharain

Cèic na còisir
Image caption Tha Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain air soirbheachadh gu mòr thar nam bliadhnaichean

Bha cuirm shònraichte aig Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheotharain Dihaoine 's 60 bliadhna ann bho chaidh a stèidheachadh.

Bha buill na còisir, agus feadhainn a tha nam buill de chòisirean eile, a-measg na chruinnich airson dinnear agus dannsa ann am Pàillean Srath Pheofhair airson a co-là-breith a chomharrachadh.

Tha a' chòisir air soirbheachadh gu mòr aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail thar nam bliadhnaichean - a' togail prìomh dhuais nan còisirean, Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn, deich tursan.

Bliadhna mhòr

Bha an oidhche mhòr aca ann an Srath Pheofharain a' toirt gu ceann sreath chonsairtean agus cèilidhean tron bhliadhna airson co-là-breith na còisir a chomharrachadh.

Am measg na bha an làthair aig a' chuirm bha Ùisdean MacRath a b' àbhaist a bhith na oide Gàidhlig dhan chòisir.

"Ann an 1999 thàinig sinn a dh'Inbhir Pheofharain agus thug iad orm obair an tidseadh Ghàidhlig a dhèanamh agus bha mi ann airson trì bliadhna deug", thuirt e.

'S e Steafan MacÌomhair a tha na oide Gàidhlig aig a' chòisir an-diugh 's tha esan a' dèanamh dheth gu bheil barrachd luchd-ionnsachaidh a-nis nam buill de chòisirean Gàidhlig seach mar a b' àbhaist.

"An rud a tha mi a' faicinn gu sònraichte anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, an ùidh a th' aig daoine anns a' chànan - agus tha sin na adhbhar misneachd dhuinn uile" thuirt e.

"Tha ceòl Gàidhlig gan tarraing a-staigh dhan ghnothach agus tha sin mar gum biodh a' dusgadh ùidh annta agus tha iad ag iarraidh, chan e a-mhàin òrain ionnsachadh ach an cànan ionnsachadh".

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile