Other
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ìmpidh ga cur air SSE

18 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil a' phrìs as ìosaile a tha SSE a' cur air adhart airson aonad dealain math gu leòr airon dèiligeadh ri bochdainn connaidh nan Eilean Siar, a rèir bhuidheann ghnìomha a' bhochdainn anns an sgìre.

Tha a' bhuidheann agus Comhairle nan Eilean Siar airson 's gun tèid prìs sòisealta a stèidheachadh is bochdainn connaidh san sgìre aig an ìre as àirde san Roinn Eòrpa.