Taic a bharrachd ga h-iarraidh do chroitearan

  • Air fhoillseachadh
Croitean
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gu bheil taic-airgid nan taighean croite cus ro ìosal.

Iarraidh riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar air Ministear na h-Àrainneachd an taic-airgid a tha croitearan a' faighinn airson taighean a thogail co-dhiù a dhùblachadh.

Bidh an taic sin am measg grunn chuspairean co-cheangailte ri croitearachd a bhios air a' chlàr-ghnothaich an uair a choinnicheas iad ri Pòl Wheelhouse an t-seachdain seo.

'S e £22,000 aig a' char as àirde a tha ga thoirt seachad an-dràsta.

Cha deach an t-sùim sin atharrachadh bho 2005.

Sùil

Thàinig e am bàrr air a' mhìos seo chaidh gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' toirt sùil às ùr air sgeama nan taighean croite is gearainean ann mun àireamh thagraichean a bha gan diùltadh.

Thuirt iad, ge-tà, gum biodh àrdachadh sam bith a rèir suidheachadh ionmhais na dùthcha.

A rèir iar-chathraiche Comataidh an Leasachaidh Sheasmhaich aig a' Chomhairle, Dòmhnall Crichton, tha croitearan feumach air taic a bharrachd.

"Chan eil e air a bhith air àrdachadh bho chionn bliadhnaichean is tha sinn a' faicinn dhaoine a tha an-diugh a' togail thaighean, gu bheil na cosgaisean ag èirigh a h-uile bliadhna", thuirt Mgr Crichton.

"Cuideachadh"

"Tha sinn ag iarraidh gum bi an granta sin aig ìre 'son cuideachadh le na cosgaisean togail a th' aig daoine an-diugh.

"Chanainn suas gu £50,000 co-dhiù, bhiodh sin freagarrach airson taic a thoirt dha daoine a tha ag iarraidh taighean a thogail air na croitean aca", thuirt e.

Togaidh riochdairean na Comhairle dragh cuideachd mu chlàradh chroitean an uair a choinnicheas iad ri Mgr Wheelhouse Diardaoin.

Thuirt Dòmhnall Crichton gu bheil iad a' gabhail ris nach urrainn stad a chur air a' ghnothach a-nise.

Thuirt e ge-tà, gun iarr iad taic a bharrachd ri cosgaisean a' chlàraidh is bailtean a chuideacheach ann a bhith ag obair còmhla gus an clàradh a dhèanamh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh