Coinneamh MOD a dhìth "san aithghearrachd"

Crann-gaoithe
Image caption Tha Uisdean Robasdan ag ràdh gu bheil feum air còmhraidhean ùra ris an MOD cho luath 's a ghabhas.

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath gu bheil e deatamach gum bi còmhraidhean ùra ann ris an MOD feuch a bheil àite ann an Uibhist far an gabh pròiseictean-gaoithe a chur air adhart.

Bha Uisdean Robasdan a' bruidhinn is an MOD air cur an aghaidh leasachaidhean is dragh orra gun toireadh iad buaidh air an radar aca.

Tha Mgr Robasdan ag ràdh gum feum fios a bhith aig daoine a tha a' cur air adhart phròiseictean an gabh an MOD ris na làraich mus tòisich iad air airgead mòr a chosg air pròiseas an dealbhachaidh.

"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn dhan bhòrd iad (an MOD) san aithghearrachd agus gun coimhead iad air sgìre Uibhist uile agus gun can iad, uill dh'fhaodadh sibh 's dòcha ruideigin a dhèanamh an siud no an seo.

"Chan e a-mhàin Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath a th' ann, tha gnìomhachasan is daoine air feadh na sgìre a tha airson muilnean beaga a dhèanamh.

"Cosgais mhòr"

"Feumaidh fios a bhith aca, an àite cosgais mhòr a bhith aca is airgead a chur a-staigh, gum faodadh iad rudeigin a dhèanamh.

"Dhèanadh sin fhèin adhartas dhuinn, nam biodh fios againn le cinnt gum faodadh sinn rudeigin a dhèanamh ann an àite sam bith ann an Uibhist", thuirt e.

Thuirt Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath fhèin gu bheil iad dòchasach fhathast gun gabh adhartas a dhèanamh le cumhachd ath-nuadhachail ann an Uibhist.

Fhuair a' chompanaidh bristeadh-dùil an uair a chaidh am plana airson tuath-gaoithe le dà chrann anns a' Chlachan a dhiùltadh le Riaghaltas na h-Alba.

Bha an MOD air cur an aghaidh an iarrtais.

Bha a' chompanaidh leasachaidh a' sùileachadh gum biodh a' phròiseict air £200,000 a chruthachadh gach bliadhna dhan choimhearsnachd fad 15 bliadhna leis an t-sùim an uair sin ag èirigh gu £450,000.

Ath-thagradh

Cha dèan a' chompanaidh ath-thagradh an aghaidh a' cho-dhùnaidh gus an t-iarrtas aca a dhiùltadh.

"Tha sinn den bheachd gur e an co-dhùnadh ceàrr a bh' ann agus tha sinn gu làidir a' dol às àicheadh nach biodh a' phròiseict air obrachadh, le stiùireadh ceart, gun buaidh a thoirt air radar an MOD", thuirt cathraiche na companaidh, Raibeart Friseal.

"Sin ann no às, tha sinne ag aithneachadh nach urrainn dhuinn strì an aghaidh na puing sin agus 's e ar prìomh amas a-nise a bhith ag obair còmhla ri Comhairle nan Eilean Siar, an MOD, is feadhainn eile le ùidh sa chùis, gus dòigh air adhart a lorg", thuirt e.

Thuirt Mgr Friseal gun coimhead iad air roghainnean eile a thaobh cumachd ath-nuadhachail a leasachadh.

"Ged nach eil sinn idir ag atharrachadh ar beachd mu cho cudromach 's a tha a' ghaoth an seo mar dhòigh air an àite a leasachadh, tha sinn airson plana gu math farsaing a bhith againn.

"Eaconamaidh uaine"

"Feumaidh sinn brath a ghabhail air gach cothrom a th' againn gus eaconamaidh uaine a leasachadh.

"Dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh cumhachd na gaoithe, nan tonn, na grèine no cumhachd hydro", thuirt e.

Tha a' chompanaidh leasachaidh ann an còmhraidhean mar-thà ri Comhairle nan Eilean Siar is BPA na sgìre, Alasdair Allan.

Dh'iarr iad cuideachd coinneamhan ri Ministear an Riaghaltais Ionadail is Dealbhachaidh, Derek MacAoidh, agus Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing.

Iarraidh iad air ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, an gnothach a thogail ris an MOD fhèin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile