North Hop a' tilleadh

North Hop Image copyright Handout
Image caption Bha còrr is 800 duine aig North Hop aig Eden Court san Lùnastal 2014.

Tillidh fèill leanna North Hop dhan Ghàidhealtachd ann an 2015 às dèidh cho math 's a shoirbhich leatha am-bliadhna.

Bha North Hop ann 'son a' chiad turais aig Eden Court ann an Inbhir Nis san Lùnastal, a' chiad tachartas de a leithid sa bhaile.

Bha luchd-grùdaidh an làthair bho air feadh na h-Alba is ceòl beò ann cuideachd.

Thuirt an fheadhainn a chuir North Hop air dòigh gun tàinig còrr is 800 neach chun na fèille.

"Bha daoine bho air feadh an t-saoghail aig North Hop 2014 is tha mi air cluintinn gun do chòrd e gu mòr ri daoine", thuirt Michelle Russell bho North Hop.

"Tha cuid a bha a' taisbeanadh nan gnothaichean aca mar thà air dearbhadh gun till iad, còmhla ri feadhainn nach robh againn ron seo.

"Tha sinn an dòchas gum bi North Hop 2015 fiù 's nas motha", thuirt i.

Nì North Hop ceangal eadar an fhèill agus Bliadhna a' Bhìdh agus na Dibhe is a bhios ann an Alba ann an 2015.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile