Tùr Chaisteil Inbhir Nis a' fosgladh?

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Inbhir NisTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,
'S ann leis a' Chomhairle a tha an tùr air taobh tuath a' chaisteil.

Dh'fhaodadh gun tèid an tùr aig Caisteal Inbhir Nis fhosgladh ann an oidhirp goireas turasachd a dhèanamh dheth.

Tha daoine air a bhith fad iomadach bliadhna a' gearain nach fhaigh luchd-turais a-steach dhan chaisteal agus Cùirt an t-Siorraim stèidhichte ann.

Ach tha Comhairle na Gàidhealtachd air innse gur ann leothsan a tha an tùr agus gun tèid sgrùdadh a dhèanamh faic an fhiach dhaibh fhosgladh dhan phoball.

Chaidh Caisteal Inbhir Nis a thogail timcheall air 1840.

Aig an àm sin, bha an tùr air taobh tuath a' chaisteil air a chleachdadh mar phrìosan.

Chaidh buidheann-ghnìomha a chur air chois o chionn ghoirid faic an gabhadh a' Chùirt a ghluasad agus goireas turasachd a dhèanamh den chaisteal.

Ma 's t-fhiach dhaibh, dh'fhaodadh gum bi taigh-bìdh agus bùithdean ann.

Thuirt àrd-oifigear na Comhairle Steve Barron gun tigeadh barrachd dhaoine dhan bhaile ri linn, agus gun cuireadh sin gu mòr ri eaconamaidh na sgìre.