Fear air ionnsaigh aideachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'aidich fireannach às Inbhir Nis gun do shàth e seann charaid dha sia tursan ann an ionnsaigh dhian aig flat ann an Cùirt Dhoire nam Bochd sa bhaile.
Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun tug Sean Boyle, 20, an t-ionnsaigh air Sean Pierce, 25, air an 13mh là den Lùnastal.
Bha an dithis air a bhith a' trod mu mar nach do nochd Boyle aig obair a bha Mg Pierce air a chur air dòigh dha.
Anns an ionnsaigh, thug Boyle a lèine dheth, agus ruith e Mgr Pierce sìos an t-sràid mus do nochd na Poilis.
Dh'aidich Boyle gun robh e air ionnsaigh a thoirt air Mgr Pierce a chùm a dhroch ghoirteachadh, a choltas a mhilleadh, agus a chùm a bheatha a chur an cunnart.
Chuir am britheamh, a' Bhana-mhorair Wolffe, binn Boyle, a bha saor air urras aig an àm a thachair an t-ionnsaigh, dheth. Chaidh a dhiteadh roimhe airson ionnsaigh a thoirt air duine.
Chaidh a chumail an grèim fhad 's a thathas a' feitheamh air aithisg mu a chuid eachdraidh.