Corp ga lorg anns na Hearadh
- Air fhoillseachadh
Dhearbh na Poilis gun deach corp fireannaich a lorg faisg air Gòbhaig anns na Hearadh.
Chaidh fios air na seirbheisean-èiginn anmoch Dimairt gun robh fear a dhìth san sgìre.
Às dèidh do heileacoptair nam maor-cladaich, luchd-teasairginn ionadail is na Poilis fhèin a dhol an sàs, chaidh corp a lorg faisg air Gòbhaig.
Cha tèid an duine ainmeachadh gus an tèid fios a chur air a theaghlach.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh