Obraichean ùra san amharc aig Norbord
- Air fhoillseachadh

Thathas an dòchas gum faodadh suas ri 250 cosnadh ùr a bhith air an cruthachadh air a' Ghàidhealtachd is a' chompanaidh Norbord air cead fhaighinn an t-ionad aca faisg air Inbhir Nis a leudachadh.
Bidh a' chompanaidh a' giollachd fiodha san fhactaraidh faisg air Port-adhair Inbhir Nis.
Fo na planaichean aig Norbord, dh'fhaodadh gun tèid meud na factaraidh a dhùblachadh.
Bhiodh muillean ùr agus ionad biomass ùr ann.
Bhiodh cuid mhath de na h-obraichean ùra sgaoilte air feadh na Gàidhealtachd.
Feum
A rèir Norbord, tha feum air an leudachadh ma tha iad gus a bhith buan.
Chaidh dragh a thogail aig Comataidh Dealbhachaidh a Chinn a Deas aig Comhairle na Gàidhealtachd gum faodadh leudachadh mòr aig ionad Norbord cron a dhèanamh air coltas na sgìre.
Chuir comhairlichean taic ris an iarrtas gu h-aona-ghuthach air a' cheann thall ge-tà, le mòran ag ràdh gun robh iad glè dhòchasach mu na buannachdan a dh'fhaodadh a bhith ann dhan eaconamaidh.
"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh timcheall air 30 obair ùr san fhactaraidh ach bidh mu 200 eile air feadh na Gàidhealtachd, mar a tha iad fhèin ag ràdh san "supply chain", ag obair ann an rudan mar choilltearachd", thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Ailig Greumach.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bi e math dha Inbhir Nis ach tha e tòrr nas fheàrr dha sgìrean eile air feadh na Gàidhealtachd, tha a' toirt dhaibh tèarainteachd is obraichean sna bhliadhnaichean ri tighinn", thuirt e.