Taigh na Hearadh fosgailte

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Chaidh Taigh na Hearadh fhosgladh gu h-oifigeil.

Chaidh dachaigh chùraim ùr Taigh na Hearadh air an Tairbeart fhosgladh gu h-oifigeil.

Bha na Hearaich air a bhith a' feitheamh fada gu leòr airson an leithid is an iomairt gus goireas ùr a chur an àite na dachaigh a bh' ann air tòiseachadh ann an 1999.

Thàinig dàil air a' ghnothach an uair a chaidh a' chiad chompanaidh a bha a' togail na dachaigh ùire fodha ann am fiachan.

Chosg an dachaigh ùr £6.3m.

"Mìorbhaileach"

"Thug sinn treis mhòr a' lorg an airgid an toiseach, is an uair sin bha na h-uimhir de dhuilgheadasan ann ach tha e mìorbhaileach gu bheil e an seo agus cho math 's a tha e", thuirt Morag Rothach a bha na comhairliche san sgìre agus a thug iomadh bliadhna a' feuchainn ris an dachaigh fhaighinn.

Dh'aidich a' Bh.Ph Rothach gun robh cùisean gu sònraichte doirbh an uair a chaidh a' chompanaidh togail fodha.

"S e briseadh-dùil a bha sin agus chum e cùisean air ais. Tha sinn glè thaingeil dha Comhairle nan Eilean Siar gun do lorg iad an t-airgead a bha a dhìth airson a chrìochnachadh.

"Tha seo a' ciallachadh gum faodadh seann daoine fuireach nan coimhearsnachdan fhèin agus nach leig iad a leas a dhol a-mach às na Hearadh airson a' chùraim a tha a dhìth orra an uair is nach urrainn dhaibh a bhith nan taighean fhèin", thuirt i.

Air leth

Thuirt stiùiriche Taigh na Hearadh, Ceit Ann Young, gur e goireas air leth a th' ann is gu bheil e dha-rìribh coltach ri dachaigh dhaibh fhèin dha na seann daoine a tha a' fuireach ann.

Thuirt i gu bheil 14 duine a' fuireach ann làn-ùine is gum bi dithis eile a' cur seachad treisean san dachaigh.

Thathas an dùil gum mair an dachaigh ùr 40 bliadhna co-dhiù.

'S i Oighrig NicIllinnein, a bha na ceannard air an t-seann dachaigh fad 30 bliadhna, a dh'fhosgail Taigh ùr na Hearadh gu h-oifigeil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC