Dearbhadh air Steòrnabhagh gu Ùige

Cidhe Ulapuil
Image caption Bidh an t-alt-aiseig an an Ulapul dùinte eadar an 22mh den Ghearran agus an 7mh den Ghiblean.

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn nach bi aiseag chàraichean a' dol eadar Ulapul 's Steòrnabhagh fad sia seachdainnean as t-Earrach agus gun tèid an Isle of Lewis eadar Steòrnabhagh is Ùige tron ùine sin.

Feumar obair a dhèanamh air alt-aiseig Ulapuil is dhearbh Cal Mac gun dùin e air an 22mh den Ghearran is nach fhosgail e às ùr chun 7mh den Ghiblean.

Bidh seirbheis ann do luchd-coiseachd a-mhàin eadar Steòrnabhagh is Ulapul is an Loch Seaforth air an t-slighe sin.

Thèid an Isle of Lewis eadar Steòrnabhagh is Ùige is bidh seirbheis bathair cuideachd eadar Steòrnabhagh is Ùige leis a' Chlipper Ranger air an t-slighe.

Bidh an t-seirbheis eadar Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeart mar as àbhaist.

"Riatanach"

Thuirt Àrd-Stiùiriche Chal Mac, Màrtainn Dorchester, gu bheil e riatanach gun tèid an obair a dhèanamh aig Cidhe Ulapuill.

Dh'aidich e gur e dùbhlan mòr a bhios ann seirbheisean a chumail a' dol fhad 's an obair a' dol air adhart ach thuirt e gu bheil e den bheachd gu bheil Cal Mac air fuasgladh math a lorg.

Bha connspaid ann nuair a thàinig am bàrr gum biodh an t-alt-aiseig dùinte is Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach robh iad air rabhadh sam bith fhaighinn.

Thuirt Cathraiche Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gun cuala e an naidheachd an toiseach air an reidio.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile