Diomb mu chlàr-ama Chal Mac

MV Loch Seaforth
Image caption Chan eil cidhe Steòrnabhaigh deiseil fhathast airson an MV Loch Seaforth.

Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gu bheil e air earbsa gu lèir a chall ann an Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus Còmhdhail Alba.

Bha an Comh. Iain MacAoidh a' bruidhinn an dèidh do Chal Mac clàr-ama fhoillseachadh airson nan sia seachdainnean as t-Earrach an ath-bhliadnna nuair a bhios iad ag obair air an alt-aiseig ann an Ulapul.

Bidh carbadan a' dol air an MV Isle of Lewis eadar Steòrnabhagh agus Ùige air dìreach aon sheòladh anns an là mar as trice, agus bidh sin an rèir na tìde-mara.

Bheir an turas sin trì uairean de thìde, a thuilleadh air turas rathaid nas fhaide an dèidh dhaibh Ùige a ruighinn, seach na bhiodh aca à Ulapul.

Sàrachadh

Gheibh luchd-siubhail air chois dà sheòladh a dh'Ulapul dà thuras san là air an MV Loch Seaforth.

Tha Mgr MacAoidh ag ràdh gur e am BBC a dh'innis dhasan mu na planaichean sin, agus gu bheil e tàmailteach nach do bhruidhinn Cal Mac ris a' choimhearsnachd mun deidhinn.

"Tha sinn a' faicinn gum feum iad an rud a tha iad a' dèanamh - feumaidh sin a bhith dèante, airson gum bi an t-seirbheis ceart," thuirt e.

"'S e nach eil iad a' bruidhinn rinn, agus ag innse dhuinn dè tha iad a' dol a dhèanamh.

"Seo an gearain as motha a th' agamsa. Agus tha seo a' tachairt chan e aon uair idir, tha seo a' tachairt dhà no thrì uairean," thuirt e.

Tha Cal Mac cuideachd an dòchas an MV Loch Seaforth a chur air slighe Ùige, ach tha sin a' crochadh air cidhe Steòrnabhaigh a bhith deiseil ro àm na Nollaige.

"Sin rud eile. Chan eil sinn a' faighinn fiosrachaidh bhon taobh sin nas motha," thuirt an Comh. MacAoidh.

"Tha mise an dèidh m' earbsa a chall, airson an fhìrinn onorach a ràdh, tha mi air m' earbsa a chall ann an Cal Mac 's ann an Còmhdhail Alba.

"'S e nach eil iad ag innse dhuinne dè tha nam beachd.

"Tha e gu math duilich dhomhsa nuair a tha daoine a' faighneachd dhomh dè tha a' tachairt, 's nach urrainn dhomh a ràdh gu bheil sinn a' faighinn freagairt bhuapasan.

"Tha sinn gu math duilich airson mar a tha cùisean an-dràsta, 's tha sinn an dòchas gun tig iad air ais thugainn co-dhiù, agus gum bruidhinn iad rinn.

"Chan eil iad a' bruidhinn rinn idir, so tha iad an dèidh sinne a shàrachadh mar a tha," thuirt e.

Thuirt Àrd-Stiùriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Màrtainn Dorchester, gu bheil iad a' tuigsinn nach bi na h-atharraichean freagarrach dhan a h-uile duine, ach leis na leasaichean a tha gan dèanamh air cidhe Ulapuil, gun dèan iad feum dhan luchd-siubhail san ùine fhada.

Tuilleadh air an sgeulachd seo