Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nicola Sturgeon

Ghabh Niclola Sturgeon a dreuchd gu h-oifigeil mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba. Chaidh rùn Phàrlamaid na h-Alba a thoirt dhan Bhànrigh an-dè, agus ghabh Ms Sturgeon a bòidean aig Cùirt an t-Seisein anns a' mhadainn. Bidh i os cionn Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir aig Holyrood airson a' chiad uair feasgar an-diugh.

Bònasan Bhancairean

Thug àrd-neach-lagha comhairle air Cùirt Cheartais na h-Eòrpa gun gabhail idir ri tagradh a tha an Rìoghachd Aonaichte a' dèanamh an aghaidh smachd a chuir an t-Aonadh Eòrpach air bònas nam bancairean. Chan fheum Cùirt a' Cheartais gabhail ri beachd an àrd-neach-tagraidh, ach mar as trice bithidh i a' dèanamh sin. Bidh co-dhùnadh na Cùirte ann an ath-bhliadhna.

RBS

Chaidh càin £56m air Banca Rìoghail na h-Alba an dèidh briseadh ann an siostam IT a' bhanca ann an 2012 a dh'fhàg milleanan dhaoine gun dòigh air airgead a tharraing airson ùine. Dh'iarr cathraiche a' bhanca leisgeul a ghabhail airson na triblaid, a thug buaidh air luchd-cleachdaidh RBS, Natwest, agus Banca Uladh.

Fracadh Ineos

Tha dùil ri dearbhadh an-diugh gu bheil a' bhuidheann Ineos a' cur £600m an sàs ann an rannsachadh agus leasachadh air gas bho chlach-ghuail ann am Breatainn. Tha a' chompanaidh am beachd an gas, a bheir iad am bàrr leis a' phròiseas chonnspaideach ris an canar fracadh, a chleachdadh mar chonnadh aig ionad peatro-cheimigeach Inbhir Ghràinnse.

Cal Mac

Rinn Comhairle nan Eilean Siar gearain ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus ri Còmhdhail Alba 's iad mì-thoilichte nach deach bruidhinn riutha mun atharrachadh air seirbheisean aiseig Steòrnabhaigh. Bidh an t-atharrachadh sin ann fad sia seachdainnean anns a' Ghearran, fhad 's a tha alt-aiseig ùr ga chur ann an Ulapul. Aig an àm sin bidh trì bàtaichean a' fàgail Steòrnabhaigh gach là: soitheach bathair gu ruige Ùige, seirbheis charbad agus luchd-siubhail a dh'Ùige, agus seirbheis do luchd-siubhail air chois a-mhàin a dh'Ulapul. Thuirt Cathraiche Chòmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gu bheil e gu math diombach nach deach beachd iarraidh orrasan.

Ospadal an Eilein Sgitheanaich

Tha buidheann ùr anns an Eilean Sgitheanach a' dol às àicheadh gu bheil iad a' dèanamh sgaradh eadar ceann a tuath agus ceann a deas an eilein le a bhith a' strì airson seirbheisean slàinte a ghlèidheadh. Tha a' bhuidheann a' riochdachadh mòran sa cheann a tuath air a bheil dragh gu bheil NHS na Gàidhealtachd am beachd ospadal Phort Rìgh a dhùnadh. Tha an NHS a' dol às àicheadh gun do rinn iad co-dhùnadh mar thà, ach tha luchd-iomairt mì-thoilichte gur e an t-Ath Leathann a dh'ainmich am Bòrd Slàinte mar an làrach as fheàrr leothasan airson ospadail ùir.