Buidheann-strì a' dol às àicheadh sgaraidh

Ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich
Image caption Tha daoine sa cheann a tuath draghail gun caill iad seirbheisean a th' anns an sgìre.

Tha buidheann ùr san Eilean Sgitheanach a' dol às àicheadh gu bheil iad a' dèanamh sgaradh eadar ceann a tuath agus ceann a deas an eilein le a bhith a' strì airson seirbheisean slàinte a ghlèidheadh.

Tha buill na buidhne a' riochdachadh mòran sa cheann a tuath air a bheil dragh gu bheil NHS na Gàidhealtachd am beachd Ospadal Phort Rìgh a dhùnadh.

Tha an NHS a' dol às àicheadh gun do rinn iad co-dhùnadh mar thà, ach tha luchd-iomairt mì-thoilichte gur e an t-Ath Leathann a dh'ainmich am Bòrd Slàinte mar an làrach as fheàrr leotha 'son ospadail ùir.

"Tha uallach mòr air tòrr den t-sluagh mu dheidhinn nan rudan a tha a' tachairt," thuirt Niall Feargasdan, a tha na bhall den bhùidhinn-strì sa cheann a tuath.

Adhartas

"Tha a' bhuidheann ann air sgàth gu bheil daoine a' faireachdainn nach robh iad air an ceangal a-steach leis a h-uile càil a tha a' tachairt.

"Agus tha iad a' faireachdainn gu bheil dealbh aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air an rud a tha iad a' dol a dhèanamh, agus chan eil iad ag èisteachd ris na coimhearsnachdan.

"Tha daoine a' tighinn ri chèile, 's tha iad ag ràdh 'uell tha rud ceàrr ann an seo'.

"Feumaidh daoine tighinn ri chèile airson rudan ceart agus rudan cothromach fhaighinn anns an àite, gu h-àraid ospadal cho math 's a bhios ann," thuirt e.

Coinnichidh Bòrd na Slàinte air an 2na là den Dùbhlachd gus bruidhinn mun chùis.

Tha cuid air draghan a thogail gu bheil an iomairt airson seirheisean slàinte a ghlèidheadh sa cheann a tuath air sgaradh adhbharachadh, agus gun caill an t-eilean air fad cothrom ospadal ùr fhaighinn ri linn.

"Cò tha ag ràdh gu bheil sgaradh ann?" thuirt Mgr Fearghastan.

"Chì thu rudan anns a' phàipear gu bheil sgaradh ann. Ach chan eil sgaradh ann nuair a tha rudan soilleir, nuair a tha rudan air an stèidheachadh cothromach, bidh a h-uile càil air a cheangail ri chèile.

"Feumaidh ospadal ùr a bhith air a thogail, le goireasan cho math 's as urrainn dhaibh a bhith.

"Nuair a tha rudan air an stèidheachadh ceart, 's nuair a tha a h-uile càil soilleir, chan eil thu a' faicinn gu bheil an dealbh aca air a dhèanamh suas mar thà.

"Faodaidh sinn a ràdh ri daoine ann an ceann a deas an eilein 'carson nach eil sibh a' ceangail suas ri buidhinn sam bith air an eilean?' air sgàth gu bheil duilgheadas ann nach bi na seirbheisean cho math nuair a bhios an sgrùdadh deiseil.

"Feumar goireasan a chumail, agus feumaidh goireasan nas fheàrr a bhith againn. Feumaidh adhartas a bhith againn a thaobh slàinte," thuirt e.