Prìomh Mhinistear ùr, sgiopa ùr?

'S e là mòr a bha ann dhi fhèin agus da teaghlach nuair a dh'ainmich a' Phàrlamaid Nicola Sturgeon an-dè mar Phrìomh Mhinistear.

An-diugh, bha caraidean gu leòr aice anns a' Chùirt, far an do ghabh i bòid na dìlseachd, a' dol na prìomh mhinistear h-oifigeal le cead sgrìobhte bhon Bhànrigh.

A' bruidhinn às dèidh mar a ghabh Ms Sturgeon ris an dreuchd le gnogadh cinn, thuirt Àrd-Mhorair Cùirt an t-Seisein, am Morair Gill, gum biodh "dleastanasan cruaidhe" oirre mar phrìomh mhinistear.

Nan measg, tha a bhith a' freagairt nan ceistean gach Diardaoin ach Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

Agus an-diugh, b' fheudar dhi sin a dhèanamh a' chiad uair.

Ma chumas i orra mar a thòisich i, cha bhi agam ri cus a sgrìobhadh gach seachdain.

Aonta

Carson?

Air sgàth gun tuirt Nicola Sturgeon gun robh i airson a bhith ag obair còmhla ris na pàrtaidhean eile, ag èisteachd ri beachdan agus a' sireadh aonta nuair a ghabhadh sin.

Leis an sin, dh'fheuch am prìomh mhinistear ùr ri dreach ùr a chur air cùisean, gus dearbhadh gur e riaghaltas ùr a bhios ann leatha fhèin aig an stiùir.

Thuirt i an aon rud ri ceistean bhon Làbarach, Jackie Baillie, air leigheas aillse, ris an Tòraidheach Ruth Davidson air saoradh phrìosanach, agus ris an Lib Deamach Willie Rennie air co-dhearbhadh agus cumhachdan poilis.

Cuspairean cudromach gun teagamh sam bith.

Ach bu choltach gun robh adhbhar eile ann an togail an-diugh fhèin.

Cruth

'S e an dòigh eile dearbhadh gur e riaghaltas ùr a tha ann, cruth an riaghaltais sin atharrachadh.

Tha dùil gun tèid atharrachadh air an sgiopa aice fhoillseachadh le Nicola Sturgeon a-màireach.

An-diugh, thuirt trì ministearan rium nach robh càil a dh'fhios aca dè bha air fàire.

Ach bha e follaiseach bho na ceistean a thog iadsan dè na beachdan a bha aig na dùbhlanaich.

Gu dearbh, tha dùil aig tòrr dhaoine an seo aig Holyrood gum faigh Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgail, a' bhròg, no co-dhiù gun tèid a ghluasad gu dreuchd eile.

Ach tha sreath de ghluasadan tàilisg duilghe ro Nicola Sturgeon nuair a bhios i a' sgrùdadh a' bhuird aig Taigh a' Bhòid a-nochd.

Tomhas

Tha làn dùil gu faodadh Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, tiotal eile fhaighinn a-màireach mar leas-phrìomh mhinistear.

'S dòcha gum faic sinn àrdachadh do charaidean a' phrìomh mhinisteir, leithid Shona Robison agus Humza Yousaf.

Agus, tha na Làbaraich aig iarraidh oirre a' bhròg a thoirt do dh'Ailig Neil aig slàinte agus Mìcheal Ruiseal aig foghlam, a bharrachd air Mgr MacAsgail.

Anns an òraid a thug i seachad an-dè, thuirt Nicola Sturgeon gun robh e na amas dhi dèanamh cinnteach gun robh cothrom na fèinne aig nigheanan agus boireannaich.

Bhiodh e gu math doirbh don chiad bhoireannach dreuchd a' phrìomh mhinisteir fhaighinn mura robh tomhas ceart eadar fireannaich agus boireannaich anns an sgiopa aice fhèin.

An-dràsta, tha i a' cumail nam planaichean aice dìomhair - ach a-màireach chì sinn dè an seòrsa riaghaltais a tha Nicola Sturgeon ag iarraidh agus dè an seòrsa prìomh mhinisteir a tha i ag iarraidh a bhith.