Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Caibineat na h-Alba

'S e Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, Leas-Phrìomh Mhinistear ùr na h-Alba, leis an atharrachadh a tha am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, a' toirt air a' chaibineat. Tha e coltach gun caill Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, agus Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell, an àite san Riaghaltas. Agus tha aithrisean ann gun gluais Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, gu dreuchd eile.

UKIP

Tha an dàrna ball aig UKIP ann am Pàrlamaid Westminster an dèidh fo-thaghadh Rochester agus Strood. Bha mòr-chuid de 3,000 aig tagraiche UKIP, Mark Reckless, a dh'adhbharaich am fo-thaghadh nuair a dh'fhàg esan na Tòraidhean. Bha na Tòraidhean san dàrna àite, agus na Làbaraich anns an treas àite. Dh'iarr Mark Reckless air tuilleadh Bhall-Pàrlamaid gluasad gu UKIP, agus e ag ràdh ged nach eil aca ach dà Bhall-Pàrlamaid, gu bheil iad a' riochdachadh bheachd nam milleanan de luchd-bhòtaidh.

Andy Coulson

Chaidh Andy Coulson, a bha na dheasaiche air a' phàipear-naidheachd an News of the World, a shaoradh às a' phrìosan tràth, an dèidh còig mìosan de bhinn 18 mìosan airson a bhith ri farchluais air fònaichean. Dh'fhàg Coulson Prìosan Halsley Bay ann an Suffolk sa mhadainn an-diugh gun guth a ràdh ri luchd-naidheachd a bha a' feitheamh ris.

Aiseag Steòrnabhaigh

Thuirt am Ball Tòraidheach Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Jamie MacGriogair, gum bu chòir do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn faradh nas saoire a thoirt do luchd-suibhail nuair a sguireas aiseag charbadan eadar Steòrnabhagh agus Ulapul airson sia seachdainnean tràth an ath-bhliadhna. Thuirt Mgr MacGriogair gu bheil luchd-siubhail san aon shuidheachadh air slighe Eilein Bhòid, agus gun do gheàrr Cal Mac 15% far nam faraidhean an sin. Thuirt e gun dèan slighe Chal Mac do charbadan eadar Steòrnabhagh agus Ùige fhad 's a tha alt-aiseig ùr ga chur ann an Ulapul, na h-uimhir de dhuilgheadas do luchd-siubhail agus do chompanaidhean bathair.

Gearraidhean Comhairle na Gàidhealtachd

Tha comhairlichean dùbhlanach air Comhairle na Gàidhealtachd ag ullachadh phlanaichean eile airson ghearraidhean seach am plana a th' aig buidheann-riaghlaidh na Comhairle. Tha ceannardan ag amas air £64m de ghearraidhean air an ath cheithir bliadhna, agus dh'aidich iad gum faodadh sin buaidh a thoirt air amaran-snàimh, leabharlainn, sgoiltean agus glanadh nan rathaidean air a' Gheamhradh. Thuirt ceannard na buidhne dùbhlanaich, Caroline Wilson, gum feum iad airgead a shàbhaladh, ach gun gabh sin dèanamh thar ùine nas fhaide.