Gealltanas an aghaidh ghearraidhean
- Published
Tha buill neo-eismeileach aig Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun dèan iad a h-uile càil as urrainn dhaibh gus strì an-aghaidh sreath de ghearraidhean air a bheil a' Chomhairle ag amas.
Tha co-chomhairleachadh a dol an-dràstsa a' sireadh bheachdan air na gearraidhean, anns a bheil luach £64m.
Tha ceannardan na Comhairle air rabhadh a thoirt seachad gum faodadh na plannaichean aca iomadach goireas agus seirbheis, leithid amaran-snàimh, leabharlannan is eile, a dhùnadh no a lùghdachadh.
Tha na buill a tha an-aghaidh nan gearraidhean ag ràdh gu bheil iad ag obair air plana dhaibh fhèin air mar a dheadh airgead a shàbhaladh.
Tha iad ag ràdh, ged a dh'fheumas airgead a bhith air a chùmhnadh, gun gabhadh sin dèanamh thar ùine nas fhaide.