Bhòt làn-earbsa son Cathraiche Urras Eilein Ghiogha

Giogha Image copyright Geograph / Stuart Wilding

As deidh bhòt earbsa a chumail air Eilean Ghiogha ann an Earra-Ghàidheal Diardaoin thuirt a' bhuidhean a tha riochdachadh oighreachdan coimhearsnachd, gu bheil Urras Eilein Ghiogha ann an suidheachadh falainn - a dh'aindeoin aithrisean gu bheil fiachan de thrì million not orra.

Chuir muinntir an eilein làn-earbsa ann an cathraiche an urrais, Mairead NicSporran, aig coinneamh air an eilean a-raoir.

Tha dusan bliadhna bho chaidh Eilean Ghiogha far chosta Chinn Tìre a cheannach leis a' choimhearsnachd airson £4m.

Stòras Fearainn na h-Alba

Thàinig mòran den airgead sin bho Stòras Fearainn na h-Alba, le taic ionmhais cuideachd a' tighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus tabhartasan poblach.

Bhon uair sin tha a' choimhearsnachd air a bhith a' feuchainn ri eaconamaidh Ghiogha a leasachadh, agus tha aireamh sluaigh an eilein air èirigh gu mòr.

A-niste ge-tà, tha ath-sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air suidheachadh ionmhais an uachdarain choimhearsnachd a' sealltainn gu bheil fiachan air an Urras de £2.7m.

Plana Gnìomh

Chaidh bhot earbsa a chumail sa chathraiche le 57 airson Mairead NicSporran leantainn san dreuchd agus 28 duine na h-aghaidh.

Ann am brath-naidheachd, thuirt a' bhean phòsda NicSporran gun robh i airson taing a thoirt dhan fheadhainn a thàinig dhan choinneamh.

Le taic agus cuideachadh bho bhuill, thuirt i gun tèid aca a-niste am plana gnìomh a chur a-sàs son barrachd piseach a thoirt air an eilean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo