Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannairc

Tha Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, a' foillseachadh phlanaichean ùra mu choinneimh cunnart bho cheannairc. Tha dùil, am measg rudan eile, ri casg air companaidhean àrachais Bhreatannach bho a bhith a' pàigheadh èirig do cheannaircich a tha a' cumail dhaoine am bruid.

Afganastan

Chaidh 45 a mharbhadh air taobh sear Afganastan an-dè, an dèidh do bhomair fèin-mhairbhteach ionnsaigh a thoirt air talla far an robh farpais volleyball. Thachair an t-ionnsaigh air an aon là 's an do ghabh pàrlamaid na dùthcha ri aonta fo am fuirich feachdan eadar-nàiseanta ann an Afganastan nas fhaide na deireadh na h-ath-bhliadhna.

C-diff

Thèid rannsachadh fad còig bliadhna fhoillseachadh an-diugh air an sgapadh as miosa riamh an Alba den ghalar C-difficile. Thug an rannsachadh sùil air suidheachadh 63 euslainteach aig Ospadal Mhàgh Leamhna air taobh siar Dhùn Bhreatainn eadar an Dùbhlachd ann an 2007 agus an t-Ògmhios ann an 2008. Chuir C-diff ri bàs 28 duine den 39 duine a chaochaill aig an àm. Chaidh dàil còig tursan mar thà air foillseachadh na h-aithisg seo.

Eilean Ghiogha

Tha aithrisean ann gu bheil fiachan mòra air Urras Eilein Ghiogha a ghabh smachd air an eilean às leth na coimhearsnachd ann an 2002. Tha sgrùdadh air ionmhas an Urrais ag ràdh gu bheil fiachan faisg air £3m orra, agus bidh bhòt ann an t-seachdain seo air earbsa ann an cathraiche an Urrais.

Murt Inbhir Narann

Nì poilis tagradh às ùr airson fiosrachaidh mu mhurt a' bhancair às Inbhir Narann, Alasdair MacUilleim. Tha deich bliadhna ann an t-seachdain seo bho chaidh Mgr MacUilleim, a bha 30 bliadhna de dh'aois, a mhurt le peilear à gunna air stairsnich a dhachaigh. A dh'aindeoin rannsachaidh mhòir, cha d' fhuair na Poilis riamh gu fìrinn na cùise.

Faraidhean Bhanaichean Maoraich

Thèid cur às dha na faraidhean mòra air bhanaichean maoraich air aiseagan Chaolas na Hearadh agus Chaolas Bharraigh. Chaidh am faradh suas còig-fhillte bho chionn ghoirid nuair a thuirt Caldeonian Mac a' Bhriuthainn gum biodh iad a' dèiligeadh ri bhanaichean aig ìre choimearsalta agus a' cothromachadh an cuideim. Ach tha iad air sin atharrachadh an dèidh innse dhaibh mun droch bhuaidh a thug sin air gnìomhachas an iasgaich.