Tuarastal bith-beò na dhùbhlan do ChnES

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar a' meòrachadh air mar a ghabhas tuarastal bith-beò a chur an sàs.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur dòcha gum bi aca ri barrachd airgid a phàigheadh do nas lugha de luchd-obrach uile gu leìr ma chuireas iad tuarastal bith-beò an sàs.

Dh'aontaich comhairlichean ann am prionnsabal sa Ghearran gu bheil iad airson turastal bith-beò - £7.65 aig an ìre seo - a thoirt do luchd-obrach is gum biodh e a' tighinn a-steach sa Ghiblean 2014

Beachdaichidh comhairlichean air a' phlana an ath-mhìos, is ma thèid gabhail ris gheibheadh an luchd-obrach an t-airgead a bharrachd a' dol air ais dhan Ghiblean 2014.

Bhiodh an tuarastal bith-beò ann a bharrachd air an airgead shònraichte a tha luchd-obrach a' faighinn mar thà air sgàth 's gu bheil iad a' fuireach ann an eilean.

Airidh

Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil a h-uile duine airidh air tuarastal ach gu bheil e na dhùbhlan do dh'ùghdarrasan ionadail a chur an sàs.

"Tha dòighean eadar-dhealaichte ann coimhead ri seo agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr obair fhathast ri dhèanamh mus bi seo air a dhèanamh ann an dòigh 's gum bi e air a chur dhan tuarastal aca gach bliadhna a' dol air adhart", thuirt e.

"Tha ceistean ann mu dheidhinn cuid de na dòighean a thathas a' cleachdadh measadh a dhèanamh air an tuarastal is dè an ìre aig am bi e. Dh'fhaodadh na cosgaisean an lùib taigheadais, biadh, còmhdail is rudan den t-seòrsa sin a dhol an-àirde gu mòr bho bhliadhna gu bliadhna. Dh'fhaodadh iad cuideachd tighinn sìos ach chan eil e glè choltach gur ann mar sin a tha cùisean a' dol.

"Dh'fhaodadh e dhol an-àirde chun na h-ìre is gum bi e gu math duilich dha ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile a bhith a' pàigheadh tuarastail bhith-bèo", thuirt e.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil a' Chomhairle den bheachd gun cosgadh an gluasad mu £60,000 dhaibh sa chiad bhliadhna is gum biodh na cosgaisean às dèidh sin a rèir an tuarastail fhèin.

Thuirt e, air a' cheann thall, gur dòcha gun toir tuarastal buaidh air an àireamh de dhaoine a tha ag obair dhan Chomhairle.

"Teagamh"

"Dh'fheumadh a' Chomhairle an t-airgead a tha seo a phàigheadh agus 's e sin an teagamh a th' ann mu dheidhinn anns an àm ri teachd.

"Ma 's e is gun tig seo an-àirde gu ìre mhòir, cha bhi dol às ann an uair sin ach 's dòcha coimhead ri nas lugha de dhaoine a bhith ag obair.

"Dh'fhaodadh nas lugha de dhaoine a bhith ag obair ach bidh iad a' faighinn tuarastail nas fheàrr is bidh daoine eile nach bi a' faighinn tuarastail idir a-mach às.

"Feumaidh sinn cothromachadh a dhèanamh air a h-uile càil a tha sin", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile