A' dèiligeadh ri dìth dotair
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-còmhnaidh nan Eilean Beaga gam brosnachadh coimhead às an dèidh fhèin mar phàirt de dhòigh ùr seirbheisean slàinte a chumail riutha.
Tha e air faileachadh air NHS na Gàidhealtachd dotair teaghlaich fhastadh do mhuinntir Eige, Rùim, Chanaigh agus Eilean nam Muc.
Ach a-nis bidh dotairean a' dol thuca gu cunbhallach, agus gheibh na h-eileanaich cuideachd trèanadh ann an sgilean meidigeach agus cùram èiginneach.
Tha an sgìre air a bhith às aonais dotair-teaghlaich airson dà bhliadhna, agus tha sreath de dhotairean locum air a bhith a' coimhead às dèidh nan eileanach.
Maoineachadh
A-niste, dà là san t-seachdain, bidh na h-aon dotairean a' siubhail a-mach thuca às an Eilean Sgitheanach.
Tha an t-seirbheis ùr stèidhichte air modal a thathar a' cleachdadh ann an Alasga airson cùram slàinte a thoirt seachad do choimhearsnachdan iomallach.
Tha an Dr. Aonghas Venters, a tha a-niste a' siubhail a-mach chun nan Eileanan Beaga à Slèite, far a bheil e stèidhichte, ag ràdh gur e dìth maoineachaidh as coireach ris an t-suidheachadh gu ìre.
"O chionn beagan bhliadhnaichean, dh'atharraich iad modal a' mhaoineachaidh airson cùraim shlàinte an Alba, agus - canaidh mise e - ghoid iad airgead air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd," thuirt e.
"Thug iad air falbh maoineachadh a bharrachd sam bith a bha sinn a' faighinn airson cùram slàinte a chumail ri sgìrean iomallach agus dùthchail.
"Ma choimheadas tu ris na tha e a' cosg cuideigin a chur a-null air a' bhàta an-diugh, chì thu na tha de chosgais an lùib a bhith a' toirt seachadh cùraim shlàinte an seo.
"Tha cosgais a bharrachd ann, ri linn 's gu bheil tursan nas fhaide na lùib. Tha e cho sìmplidh sin," thuirt e.
Tha muinntir nan Eileanan Beaga cuideachd a' faighinn trèanaidh gus an tèid aca air cùram a thoirt seachad nuair a bhios an luchd-meidigeach air falbh.
Gheibh iad trèanadh ann an obair nursaidh bhunaideach, agus mar a dhèiligeas iad ri suidheachadh èiginneach.
Tha fhathast dragh ann ge-tà, mu mar a dh'fhaodadh dìth dotair stèidhichte san eilean buaidh a thoirt air oidhirp fàs a thoirt air coimhearsnachdan beaga.
"Mura bi dotair an seo seachd là san t-seachdain, tha sin dualtach a bhith air inntinn dhaoine," thuirt Charlie Gallie, a tha a' fuireach an Eige.
"'S e nàdar de lìon sàbhailteachd a th' ann, air cùl d'inntinne, 's tu a' smaointinn "dè ma thig rudeigin orm?" Gun teagamh 's e rud a bheir buaidh air mar a smaoinicheas daoine mun àite ma tha iad airson fuireach an seo, no fiù 's an t-eilean fhàgail," thuirt e.
'S e a b' fheàrr le muinntir Eige gum bi dotair làn-ùine a' fuireach nam measg.
'S e dùbhlan mòr a th' ann do NHS na Gàidhealtachd ge-tà, sin a thoirt dhaibh, agus obair aca do mu 24 dotair-teaghlaich air feadh na sgìre aca.
Tha fiù 's iomairt a' ruith an ceann a tuath Shasainn an-dràsta a' sireadh luchd-meidigich a lìonas na dreuchdan sin.
"Thig suas a dh'Alba, chun na Gàidhealtachd, bruidhinn rinn, agus gheibh sinn obair dhut," thuirt an Dr. Venters.
"Tha e fada fada nas tlachdmhoire a bhith ag obair an seo na tha e a bhith ag obair sna bailtean mòra.
"Chì thu buaidh do chuid cho-dhùnaidhean bho là gu là.
"Thèid do bheachd iarraidh air iomadh rud nach eil meidigeach.
"Ach cuideachd gheibh thu cothrom a bhith an sàs ann a bhith a' faighinn fuasgladh do chùisean sa choimhearsnachd agad, agus dha na h-euslaintich dha bheil thu ag obair - rud nach eil agad faisg air an aon ìre 's tu ag obair sa bhaile mhòr," thuirt e.
'S e dìreach toiseach-tòiseachaidh a th' ann, agus chìthear le ùine an e seo an dòigh as fheàrr air seirbheisean slàinte a chumail ri coimhearsnachdan mar Eige.