Pìob uisge air briseadh an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
An tuilTùs an deilbh, BBC Alba
Fo-thiotal an deilbh,
Tha pìosan de Shràid Choinnich fo thuil an dèidh dhan phìob sgàineadh.

Tha pìob uisge air bristeadh ann an Inbhir Nis, a' toirt buaidh air na tha de dh'uisge a' dol gu dachaighean ann an sgìre mhòir den bhaile, agus a' cur sràid fo thuil.

Thuirt Uisge na h-Alba gun do bhris a' phìob ann an Sràid Choinnich, a' lagachadh bruthadh an uisge, agus a' cur dath dhuinn air.

Tha pàirt de Shràid Choinnich fo thuil.

Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil sgioba aca aig an làraich, agus gun robh iad a' dèiligeadh ris a' chùis.