Mòr-chuid airson an Ath Leathainn

Port Rìgh
Image caption Tha buidheann-strì sa cheann a tuath airson nach caill Port Rìgh an t-ospadal.

Thèid iarraidh air Bòrd NHS na Gàidhealtachd an ath-sheachdain an taic a chur ri moladh prìomh ospadal dhan Eilean Sgitheanach 's Loch Aillse a stèidheachadh san Ath Leathann.

A rèir aithisg a thèid air am beulaibh, tha a' mhòr-chuid anns an sgìre airson a thogail sa cheann a deas den eilean seach sa cheann a tuath, far a bheil buidheann-strì air bagairt a' chùis a thoirt dhan chùirt.

Thèid innse do buill Bhòrd NHS na Gàidhealtachd gun do chuir còrr agus 2,000 duine beachd mar phàirt den cho-chomhairleachadh phoblach air càite am bu chòir ospadal ùr a thogail a bhios a' frithealadh an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus pàirtean de Thaobh Siar Rois.

Bha a' mhòr chuid a' cur an taic ris an làrach a b' fhearr leis an ùghdarras slàinte - an t-Ath Leathann.

Ach tha an dòigh san deach am baile aig deas a thaghadh seach am prìomh-bhaile, Port Rìgh, air connspaid adhbhrachadh.

Tha luchd-iomairt sa cheann a tuath ag iarraidh ath-sgrùdaidh neo-eisimilich ged a fhuair Comhairle Slàinte na h-Alba gun robh am pròiseas cothromach.

Ma chuireas buill a' bhùird an taic ris a' mholadh bidh am facal mu dheireadh aig Ministear na Slàinte agus 's ann an uair sin a thòisicheas an obair 'son ionmhas fhaighinn, agus dùil ann gun cosg an goireas ùr mu £14m.

Tuilleadh air an sgeulachd seo