Co-chomhairleachadh ga iarraidh air cidhe Ulapuil

Cidhe Ulapuil
Image caption Tha cidhe Ulapuil ga leasachadh mu choinneimh a' bhàt-aiseig ùir, MV Loch Seaforth.

Thuirt Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar gum bu chòir gun tèid stad a chur air an obair aig cidhe Ulapuil sa bhad gus an tèid co-chomhairleachadh iomlan a dhèanamh.

Aig a cheart àm, thuirt an Comh. Alasdair MacLeòid gum bu chòir àrd-oifigear Còmhdhail na h-Alba an dreuchd sin fhàgail ri linn "dearg neo-chomasachd".

Tha cidhe Ulapuil, a tha còrr is 40 bliadhna de dh'aois, ga leasachadh gus am freagair e air a' bhàt-aiseig ùr MV Loch Seaforth, a bhios a' ruith air an t-slighe eadar am baile agus Steòrnabhagh.

Thèid seirbheis do charbadan eadar Steòrnabhagh is Ulapul a chur dheth fad sia seachdainnean as t-Earrach fhad 's a nithear an obair.

An àite sin bidh seirbheis do charbadan a' ruith eadar Steòrnabhagh agus Ùige san Eilean Sgitheanach. Bidh aon sheirbheis san là eadar Steòrnabhagh is Ulapul, do luchd-coise a-mhàin.

Coinnichidh a' Chomhairle ri riochdairean bho Chal Mac san Òban aig deireadh na seachdain seo, agus tha dùil gun coinnich iad ri Ministear ùr na Còmhdhail Derek MacAoidh air an ath-sheachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo