Smachd na Comhairle a dhìth air cala Steòrnabhaigh

Tha Comhairliche Sgìre an Loch a Tuath ann an Leòdhas, ag ràdh gum bu chòir gum bi smachd aig Comhairle nan Eilean Siar air Ùghdarras Port Steòrnabhaigh.

Thuirt Dòmhnall Crichton gun robh na trioblaidean a th' aig an Ùghdarras nan uallach don Chomhairle, gu h-àraid leis na leasachaidhean a tha a' dol aig a' chala an-dràsta mu choinneimh a' bhàt-aiseig ùir, a tha bunaideach don choimhearsnachd.

Thuirt e cuideachd gun robh e tàmaillteach nach robh riochdachadh aig a' Chomhairle air bòrd an Ùghdarrais tuilleadh, seach mar a bha uair, agus gum biodh cùisean nas fhosgailte agus nas deamocrataiche nam biodh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo