Fear-ruith ga lorg slàn sàbhailte

  • Air fhoillseachadh
Làirig DhrùTùs an deilbh, Richard Webb
Fo-thiotal an deilbh,
Bha an duine a dhìth sa Mhonadh Ruadh fad còig uairean de thìde.

Chaidh fear a chaidh a dhìth is e a' ruith sa Mhonadh Ruadh a lorg slàn sàbhailte.

Bha Caoimhinn Steenson à Dùn Phris, 25, air a dhol air chall bhon bhuidhinn leis an robh e a' ruith faisg air Loch Mhùrlaig mu 5:00f Dimàirt.

Chaidh luchd-teasairginn an sàs is fhuaireadh Mgr Steenson mu 10:20f oidhche Mhàirt.

Ìre-reòthaidh

Cha robh air ach seorts, bheasta ruith agus seacaid aotram 's i fo ìre-reòthaidh.

Thuirt Ceannard Sgioba Teasairginn Bheanntan a' Mhonaidh Ruaidh, Uilleam MacIlleAnndrais, gum feum daoine a tha a-muigh anns na beanntan a bhith mothachail air cho cunnartach 's a dh'fhaodas an t-sìde a bhith aig an àm seo den bhliadhna.

"Cha robh mapa no lòchran aige, cha robh aige ach seorts agus is leine-t 's seacaid gu math fhèin aotram", thuirt Mgr MacIlleAnndrais.

"Diofar mòr"

"Tha diofar mòr ann eadar a bhith a-muigh anns na beanntan sa Gheamhradh seach anns an t-Samhradh.

"Dh'fhaodadh tu faighinn às le mearachd anns an t-Samhradh ach aig an àm seo den bhliadhna, gun uidheamachd cheart no gun fhios agad ciamar a tha e ag obair, dh'fhaodadh suidheachadh dùbhach dha-rìribh a bhith ann", thuirt e.

Thug Caoimhinn Steenson fhèin taing dhan luchd-teasairginn a rinn cobhair e is thuirt e gu bheil fios aige gu bheil e fortanach a bhith beò.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh