Na Hearaich air tarraing a-mach
- Published
Cha bhi sgioba na Hearadh ann an Lìog Leòdhais agus na Hearadh ann an 2015 agus coinneamh bhliadhnail a' chluba air co-dhùnadh tarraing a-mach às an lìog airson bliadhna co-dhiù.
Chrìochnaich na Hearadh aig bonn na lìge am-bliadhna is iad air na geamaichean air fad aca a chall.
Gu dearbh, cha do bhuannaich na Hearaich geama bho bhuannaich iad Cupa Eilein an Fhraoich ann an 2011.
Bheachdaich iad air tarraing a-mach às an lìog aig deireadh seusain 2012 ach chaidh co-dhùnadh an uair sin cumail a' dol.
Piseach
Cha tàinig piseach air gnothaichean ge-tà, is chaidh aontachadh aig a' choinneimh bhliadhnail an sgioba a thoirt às an lìog 'son seusan 2015 co-dhiù.
Cuiridh iad sgioba air adhart ge-tà airson Cupa Eilein an Fhraoich is dòchas ann gum brosnaich sin daoine a dhol an sàs san sgioba.
Thèid co-dhùnadh a dhèanamh an ath-bhliadhna am feuch an cluba air tilleadh dhan lìog ann an 2016.
Chaidh taing sònraichte a thoirt dha na cluicheadairean agus do choidsichean na sgioba airson a bhith cho dealasach.