Duais an Deasbaid gu Inbhir Pheofharain

Sgioba Inbhir Pheofharain Image copyright Other
Image caption Sgioba Inbhir Pheofharain is na duaisean aca.

B' iad Acadamaidh Inbhir Pheotharain a bhuannaich Deasbad BT Alba 2014.

Rinn Megan Dale agus Ella Scarr bhon Acadamaidh an gnothach air Màiri NicIllinnein agus Callum MacNeacail bho Sgoil MhicNeacail sa chuairt dheireannaich ann am Pàrlamaid na h-Alba oidhche Chiadain.

B' e 'Chan eil mòran aig na Gàidheil ri ionnsachadh bho na Goill ann an Saoghal nam Meadhanan' cuspair an deasbaid.

Bha sgioba Sgoil MhicNeacail airson a' mholaidh is sgioba Inbhir Pheotharain na aghaidh.

Duaisean

A bharrachd air an deasbad fhèin a bhuannachadh, thog Inbhir Pheotharain an duais airson òraidiche na bliadhna cuideachd is Megan Dale a' soirbheachadh.

'S iad Jo NicDhòmhnaill, Magaidh Choineagan agus Aonghas Dòmhnallach na britheamhan a bh' ann air a' bhliadhna seo.

"Bha e na thlachd dhuinne a bhith a' gabhail pàirt san fharpais agus tha e duilich a chreids' gu bheil sinn air buannachadh", thuirt Megan Dale.

"Chòrd e ruinn mòr agus tha sinn air mòran sgilean ùra ionnsachadh", thuirt i.

B' e seo a' bhliadhna mu dheireadh a bhios BT Alba a' cur taic ris an fharpais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile