Fàilte is feagal mu ath-leasachadh fearainn

Fearann
Image caption Thig air oighreachdan seilge is spòrs cìs ghnìomhachais a phàigheadh.

Thuirt Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gu bheil an crathadh as motha ann an linntean air fàire air fearann na h-Alba.

Bha cathraiche na buidhne, Dàibhidh Camshron, a' bruidhinn agus am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon a' foillseachadh mholaidhean fo Bhile Ath-leasachaidh an Fhearainn.

Thèid co-chomhairleachadh a dhèanamh air sin an t-seachdain seo tighinn.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Alasdair Ailean agus Ruairidh Moireach a' deasbad phlanaichean Riaghaltas na h-Alba airson ath-leasachadh an fhearainn.

Dh'inns am Piomh Mhinistear Diciadain gur e molaidhean radaigeach a bha i a' cur air adhart airson Bile Ath-leasachaidh Fearainn na h-Alba.

Am measg sin, bhiodh cumhachd aig ministearan an Riaghaltais a dhol an sàs far a bheil an t-uachdaran neo an oighreachd a' cur bacadh air leasachadh seasmhach.

Rachadh cuideachd cur às dhan sgeama far nach eil oighreachdan spòrs agus seilge a' pàigheadh cìs ghnìomhachais.

Le sin, thigeadh àrdachadh a thrì uimhir air Stòras Fearann na h-Alba.

Chuir Fearann Coimhearsnachd na h-Alba fàilte air an naidheachd.

Ach thuirt Caidreachas Luchd-seilge na h-Alba gu bheil cunnart ann gum faodadh na molaidhean seo obraichean a chur ann an cunnart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo