Comhairlean a' faighinn smachd air Oighreachd a' Chrùin

Cladach
Image caption Tha an t-atharrachadh a' gabhail a-steach grunnd na mara agus nan cladaichean.

Tha Coimisean Mhic a' Ghobhainn air tuilleadh chumachdan airson Holyrood air moladh smachd air ìrean chìsean air cuid de shochairean a ghluasad a dh'Alba.

Cuideachd, tha an Coimisean airson 's gum bi comhairlean ionadail an urra ri Oighreachd a' Chrùin, gum bi cìs luchd-siubhail adhair an urra ri Dùn Èideann, agus gun tèid aois a' bhòtaidh a thoirt sìos gu 16.

Chaidh an Coimisean a stèidheachadh às dèidh dha na prìomh phàrtaidhean aig Westminster tuilleadh chumachdan a ghealltainn do dh'Alba nam bhòtadh an dùthaich an aghaidh neo-eisimeileachd.

Thuirt am Morair Mac a' Ghobhainn gur e clach-mhìle eachdraidheil a tha seo.

Comhairlean Ionadail

'S e facail aithisg Mhic a' Ghobhainn fhèin:

"Thèid uallach manaidsearachd maoin eaconamaich Oighreachd a' Chrùin ann an Alba, agus an t-airgead a nì iad sin, a ghluasad gu Pàrlamaid na h-Alba.

"Tha seo a' gabhail a-steach grunnd na mara, fearann ann am bailtean mòra, oighreachdan air an tuath, còirichean minearalach agus iasgaich, agus cladach na h-Alba a tha a' tighinn fo a sgèith.

"An dèidh a' ghluasaid seo, thèid uallach manaidsearachd na maoine sin a thoirt seachad ceum eile, gu sgìrean comhairle ionadail leithid Arcaibh, Sealtainn, na h-Eileanan Siar, no sgìrean eile a tha ag iarraidh leithid de dh'uallach.

"Thathas a' moladh gun gabh ciall "maoin eaconamaich" ann an uisgeachan mun chosta a-steach an cladach, agus gnothach eaconamach leithid tuathanachais uisge.

"Cuiridh riaghaltasan na h-Alba agus na RA Memorandum Tuigse ri chèile, a nì cinnteach nach bi leithid seo de dh'fhèin-riaghladh na dhuilgheadas do bhun-structar cudromach nàiseanta na RA a thaobh leithid dìon agus tèarainteachd, ola agus gas agus cumhachd, a' tèarmannachadh cudromachd tèarainteachd agus dìon maoin chladaich agus grunnd mara Oighreachd a' Chrùin don RA air fad.

"Feumaidh maoineachadh a' Ghranta Rìoghail a bhith ag aithneachadh an atharrachaidh seo air Oighreachd a' Chrùin."