Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coimisean Mhic a' Ghobhainn

Tha Coimisean Mhic a' Ghobhainn a' moladh smachd do Phàrlamaid na h-Alba air cìs teachd-a-steach, agus cuid de na sochairean sòisealta, am measg rudan eile. Chaidh an Coimisean thar-phàrtaidh a stèidheachadh le gealltanas bho na trì phrìomh phàrtaidhean aig Westminster air tuilleadh fèin-riaghlaidh do Holyrood, nam biodh bhòt ann an aghaidh neo-eisimeileachd anns an referendum anns an t-Sultain. Ged a chuir Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, fàilte air na molaidhean, thuirt e nach eil iad a' dol cho fada 's a chaidh a ghealltainn aig àm an referendum.

Thèid cuideachd, mar phàirt de mholaidhean Mhic a' Ghobhainn, smachd air stòras Oighreachd a' Chrùin a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba, le tuilleadh fèin-riaghlaidh an dèidh sin air an stòras sin ga thoirt dha na h-ùghdarrasan eileanach - sin Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh, agus Comhairle Shealtainn.

Ath-leasachadh an Fhearainn

Chuir Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, a tha a' riochdachadh uachdaran coimhearsnachd, fàilte air plana Riaghaltas na h-Alba airson atharrachadh mòr air uachdaranas an fhearainn. Dh'innis am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gun tèid, am measg rudan eile, Stòras an Fhearainn àrdachadh gu £10m airson cuideachadh do choimhearsnachdan am fearann fhèin a cheannach, agus gun tèid cur às dhan fhaochadh a th' aig oighreachdan mòra prìobhaideach bho rèataichean gnìomhachais. Ach tha uachdarain agus oighreachdan prìobhaideach a' gearain gun dèan na planaichean milleadh air cosnadh agus eaconamaidh nan sgìrean dùthchail.

Prìomh Loidhne Rèile a' Chosta an Ear

Chaidh gealltainn do luchd-siubhail gum faigh iad seirbheis nas fheàrr agus nas luaithe air prìomh loidhne rèile a' chosta an ear eadar Alba agus Lunnainn. Tha seo an dèidh dearbhadh gun tug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an cùmhnant airson loidhne a' chosta an ear do Intercity Railways - com-pàirteachas eadar Virgin Trains agus Stagecoach, a tha stèidhichte ann am Peairt.

Craig Whyte

Chaidh Craig Whyte, dham buineadh Rangers aig aon àm, a chur an grèim ann am Meagsago. Chaidh barrantas a-mach na aghaidh bho chionn cola-deug, co-cheangailte ris an dòigh san deach an cluba a reic ann an 2011. Thuirt luchd-casaid gun robh iad a' feuchainn ri Whyte a thoirt gu cùirt ann an Glaschu.

Connadh Uibhist

Tha daoine ann an Uibhist a' gearain mun diofar ann am prìs a' pheatroil 's an diesel eadar Uibhist a Tuath, Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Deas. Ged a tha connadh beagan a bharrachd air £1.30 ann an Ceann a' Bhàigh an Uibhist a Tuath, tha e còrr is £1.40 ann an Dalabrog.