Na Hearadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Deasbad an Fhearainn

27 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An uair a chuireas daoine mar Andy Wightman agus Seumas Mac an t-Sealgair fàilte air planaichean ùra Riaghaltas na h-Alba airson ath-leasachadh fearainn - còmhla ri gu bheil na h-uachdarain mhòra gan càineadh - faodar a bhith cinnteach gu bheil susbaint air choirèiginn annta.

Tha cuid ag ràdh gur e seo an leasachadh fearainn as motha airson ceudan bhliadhnaichean.

Tha an Riaghaltas airson mòran a bharrachd fearainn a thoirt bho uachdarain mhòra 's a chur an làmhan nan daoine.

Cuiridh iad às dhan fhaothachadh chìsean a tha na h-oighreachdan mòra a' faighinn - 's pàighidh sin, tha iad ag ràdh, airson an stòras a chuidicheas coimhearsnachdan a' ceannach an fhearainn a chur an-àirde gu £10m.

Thug sinn cothrom dhan bhall-pàrlamaid nàiseantach Alasdair Ailean agus Ruairidh Moireach a bha iomadh bliadhna a' strì airson leasachadh fearainn a' chùis a dheasbad.