Prìs a' chonnaidh na dragh an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Tha dragh air èirigh ann an Uibhist mu eadar-dhealachadh ann am prìs a' pheatroil 's an diesel anns an sgìre.
Ged a bha connadh mu £1.30 gach liotair ann an Ceann a' Bhàigh an Uibhist a Tuath Diciadain, bha e còrr air £1.40 gach liotair ann an Dalabrog an Uibhist a Deas aig an aon àm.
Tha muinntir na sgìre air fearg a nochdadh mun t-suidheachadh.
Gu bho chionn ghoirid 's ann bho Scottish Fuels a bha peatroil 's diesel na sgìre air fad a' tighinn.
Ach, tha cuid de stèiseanan peatroil a-nise a' cleachdadh Highland Fuels.
Tha an stèisean as saoire agus an stèisean as daoire an-dràsta le chèile a' faighinn an cuid connaidh bho Scottish Fuels.
Tha ceistean gan togail sa choimhearsnachd carson a tha a' phrìs cho buileach àrd an taca ri àiteachan eile.
Tha iomairtean a' dol air na meadhanan sòisealta an aghaidh nam prìsean àrda is coltas ann gu bheil iad a' faighinn taic bhon t-sluagh.