Gealltanas air a choilionadh?
- Air fhoillseachadh
- comments
An toiseach, an t-susbaint.
A-measg nam molaidhean a dh'fhoillsich Coimisean Mhic a' Ghobhainn an-diugh bha gum faigheadh Pàrlamaid na h-Alba an cothrom cead bhòtaidh a thoirt do dheugairean aois 16 agus 17.
Gheibheadh Holyrood an cumhachd sochairean ùra a chur air dòigh, agus airgead a thoirt do dhaoine airson an cuideachadh ann an roinnean a tha fhathast fo smachd Millbank.
Bhiodh dreuchd fhoirmeil aig a' Phàrlamaid Albannaich cùmhnant a' BhBC a sgrùdadh.
Agus, bhiodh na coimhairlean eileanach an urra ri buannachd Òighreachd a' Chrùin, iarrtas na h-iomairt Ar n-Eileanan ri Teachd.
Ach 's e cnag na cùise na gheibheadh Holyrood de chumachdan cìse.
Smachd
Às dèidh tionndaidh mhòir bho na Làbaraich, dh'aontaich na pàrtaidhean gum faigheadh buidseat na h-Alba an t-airgead bhon chìs cosnaidh ar teachd a-steach le smachd aig a' Phàrlamaid air ìrean na cìse.
Thèid an t-suim a thogar a ghearradh bho na gheibh Holyrood bho Roinn an Ionmhais an Lunnainn.
Ach, bidh cothrom aig buill phàrlamaid na h-Alba a' chìs a chur suas no sìos, no toirt air cuid barrachd a phàigheadh.
A bharrachd air sin, thèid a' chìs air luchd siubhail adhair a thoirt do Holyrood, rud a fhuair fàilte bho phuirt-adhair mar-thà.
Agus, gheibh buidseat na h-Alba a' chiad deich anns a' cheud dhen toradh bho VAT ann an Alba.
Ghlèidheadh Westminster smachd air cìsean eile, leithid na cìse corparaid, an àireachais nàiseanta agus airgead na h-ola.
Fàilte
A-nis, ma-thà, don phoileataigs.
Thàinig aonta an là an-diugh mar thoradh air an Gealltanas a rinn pàrtaidhean an Aonaidh anns an làithean ron referendum nuair a bu choltach gun dèanadh luchd na neo-eisimeileachd a' chùis orra.
O nochd an aithisg tha iad air fàilte a chur oirre, le Jim Murphy agus Alistair MacIlleMhìcheil ag ràdh gun deach an 'Vow' a choilionadh.
Thuirt am prìomhaire gun robh e air a dhòigh.
Tha seo nas duilghe ge-tà don phrìomh mhinistear.
Bidh tomhas doirbh a dhìth air Nicola Sturgeon nuair a dh'èiricheas i gus ceistean a dh'fhreagairt aig meadhan là.
Gealltanas
A' bruidhinn as leth an SNP, thuirt an leas-phrìomh mhinistear, Iain Swinney, gur e "briseadh-dùil" a bha seo do mhuinntir na h-Alba.
An taca ris na gheall Gòrdon Brown anns an t-Sultain, cha deach na chaidh fhoillseachadh idir fada gu leòr dha.
Ach, bha an SNP an sàs anns a' Choimisean.
Feumaidh i toirt air Albannaich - gu h-àraid an fheadhainn a bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd - creidsinn nach eil aonta a là an-diugh susbainteach gu leòr agus nach deach Gealltanas luchd an Aonaidh a choilionadh.
Ach tha aice ri sin a dhèanamh gun bhlas searbh gus nach creid an luchd-bhòtaidh sin nach eil i ag èisteachd riutha.
Mo chomhairle fhèin? Bithibh ag èisteachd aig 1200.