Tacsaidhean dhan Sgoil Ghàidhlig bhon phrosbaig

Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Tha an t-seirbheis tacsaidh luachmhòr dha cuid a phàrantan.

Thèid cosgaisean tacsaidhean dha clann a' dol dha sgoiltean Gàidhlig air a' Ghàidhealtachd, fon phrosbaig as deidh dha comhairlichean a' chùis a thogail.

Thuirt Comhairliche Shìophort is Inbhir Pheofharain, Alasdair MacFhionghuin, nach robh e an aghaidh foghlam Gàidhlig ach gun robh ceistean ann mu tacsaidhean a' giulain chloinne bho far an robh busaichean mu thrath.

Le iarrtas dha-riribh mòr son foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a' Ghàidhealtachd, agus iarrtas a tha a' dol am meud, tha cuid a chlann a' siubhal astaran mòra son faighinn dhan sgoil Ghàidhlig is fhaisge orra.

Cosgaisean

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tabhainn tacsaidhean dhaibh ann an cuid a shuidheachaidhean, rud a chaidh a cheasnachadh le cuid a chomhairlichean.

Thuirt an Comh MacFhionghuin gur e Gàidheal a th'ann fhèin a tha bruidhinn Gàidhlig agus tha e a' cur taic ris a' chànan, ach tha ceist aige a thaobh na thathas a' cosg air còmhdhail dha cloinn a tha siubhal dha na sgoiltean Gàidhlig.

Ach tha an t-seirbhis luachmhòr dha cuid a phàrantan nach eil a' dràibhigeadh neo aig a bheil clann eile, agus ged nach eilear ach a' toirt sùil air aig an ire sa, chan ann gun dheasbad neo gun chonnspaid a bhiodh atharrachadh sam bith.

Le barrachd ag iarraidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus cuideachd barrachd ghearraidhean a dhìth air Comhairle na Gàidhealtachd, bidh sgrùdadh comataidh ghoireasan na comhairle e fhèin air a mhion-sgrùdadh le pàrantan nuair a nochdas an aithisg.