Càrlabhagh leis na daoine a dh'aithghearr

Càrlabhagh Image copyright M J Richardson / Geograph
Image caption Feumaidh mapa cinnteach den oighreachd a bhith ullamh mus tèid a cur a-null chun na coimhearsnachd.

Bu chòir gum bi Oighreachd Chàrlabhaigh an Leòdhas ann an làmhan na coimhearsnachd mu thoiseach na h-ath-bhliadhna.

Tha a' bhùidheann-stiùiridh a tha a' coimhead ris an iomairt trang an-dràsta a' cur crìche air an iomadach mapa a tha a dhìth, ach tha an obair sin faisg a-nis air ìre a ruighinn.

"'S e am mapadh fhèin an rud as motha a tha a' tarraing tìde," thuirt Cathraiche na buidhne-stiùiridh, Coinneach MacIllinnein.

"Tha mapadh ri dhèanamh airson na h-oighreachd air fad, agus rud ris an can iad tar-bhuileachadh laghail, airson an oighreachd a chur a-null chun na coimhearsnachd bhon uachdaran a th' ann an-dràsta.

"Feumaidh crìochan na h-oighreachd a bhith air an cur air a' mhapa, 's tha am pìos sin furasta gu leòr.

"Ach a thuilleadh air sin feumaidh pìos talmhainn sam bith a th' air a thighinn a-mach às an oighreachd tro na bliadhnaichean, tha aig sin ri dhol air a' mhapa cuideachd.

"Bha dùil againn gun robh cùisean air a dhol leinn, agus gum biodh cùisean air a thighinn troimhe ro dheireadh na bliadhna.

"Ach cha chreid mi gun dèan sinn a' chùis air sin a-nis. Tha mi a' smaoineachadh gum bi e toiseach na h-ath-bhliadhna mus fhaigh sinn air dòigh.

"Ri linn an airgid ùir a fhuair sinn bho Stòras Fearainn na h-Alba, tha iadsan ag iarraidh a-nis gum bi na h-oighreachdan air am mapadh a dhèanamh mus tèid an cur a-null chun nan coimhearsnachdan," thuirt e.