Ospadal ùr san Ath Leathann

Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Image caption Tha buidheann ann an ceann a tuath an eilein a' cur an aghaidh a' phlana.

Cho-dhùin Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gur ann anns an Ath Leathann a bu chòir ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois a bhith air a shuidheachadh.

Thèid goireas slàinte nas lugha a thogail ann am Port Rìgh.

Bha cuid ann an ceann a tuath an eilein ag iomairt an aghaidh sin 's iad a' cumail a-mach gur e Port Rìgh an t-àite as goireasaiche.

Chuala buill a' Bhùird gun do sheall co-chomhairleachadh am measg mhuinntir na sgìre gun robh 57% dhen fheadhainn a ghabh pàirt ann airson 's gur ann anns an Ath Leathann a bhiodh an t-ospadal ùr.

Thuirt Cathraiche a' Bhùird, Garry Coutts, gur e co-dhùnadh "eachdraidheil" a bh'ann agus gu bheil iad riaraichte gun do thagh iad an làrach as fheàrr a fhreagras air muinntir na sgìre gu lèir.

'S ann aig Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, a bhios am facal mu dheireadh anns a' chùis.