Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ospadal ùr an Eilein Sgitheanaich

Cho-dhùin Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd bho chionn uair de thìde gu h-aona-ghuthach gur ann anns an Ath Leathann a bu chòir ospadal ùr a thogail dhan Eilean Sgitheanach agus taobh siar Rois. Bidh ionad nas lugha air a bheileas a' gabhail "spoke" ann am Port Rìgh fo na planaichean. Tha iomairt a' dol ann an ceann a tuath an eilein an aghaidh an t-ospadal ùr a bhith san Ath Leathann. Tha am Bòrd ag ràdh gun robh a' mhòr-chuid a chuir beachd thuca tro chonaltradh phoblach a' cur taic ris a' phlana sin. Bidh a-nis an urra ri Rùnaire na Slàinte co-dhiù thèid am plana air adhart.

Reamhrachd

Tha an treasaibh cuid cha-mhòr de chlann na h-Alba fo chunnart bho reamhrachd, a rèir sgrùdadh slàinte bhliadhnail na dùthcha. Chaidh 7,000 duine a cheasnachadh, agus fhuair iad gun do dh'fhàs leth de bhoireannaich agus trian de dh'fhireannaich nas raimhre anns a' bhliadhna a dh'fhalbh. Fhuair iad cuideachd ge-tà, nach eil daoine ag òl no a' smocadh uimhir.

Dotairean Locum

Chosg an NHS an Alba £82m an-uiridh air dotairean Locum - barrachd na chosg iad a-riamh roimhe - a rèir àireamhan a fhuair am BBC. Chosg NHS nan Eilean Siar trian den bhuidseat aca air dotairean Locum. Tha Buidheann-sgrùdaidh na h-Alba (Audit Scotland) air rabhadh a thoirt gu bheil cunnart anns an t-suidheachadh, le barrachd dhotairean ann an suidheachaidhean air nach eil iad eòlach.

Al Baghdadi

Tha feachdan Lebanon air a' bhean aig ceannard na buidhne IS Abu Bakr al Baghdadi, agus mac dhaibh, a chur an grèim air a' chrìch le Siria. Tha dùil gum faodar an cleachdadh mar dhòigh air barganachadh a dhèanamh leis na Jihadich, a th' air a bhith a' maoidheadh air saighdearan à Lebanon a tha iad air glacadh.

HIV

Tha sgrùdadh saidheansail mòr air dèanamh dheth gu bheil HIV ag atharrachadh gu cruth nach eil cho cunnartach no cho gabhaltach. Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Oxford ag ràdh gu bheil am bhìoras ga lagachadh, agus aige ri fàs cleachdte ri siostam dìon bodhaig dhaoine.

Camaran Phoileas

Tha Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Barak Obama, ag iarraidh gum biodh camarathan pearsa air barrachd oifigearan poilis anns an dùthaich. Bha e a' bruidhinn às dèidh mar a chaidh deugaire dubh gun armachd a mharbhadh le ofiigear poilis, ag adhbharachadh àimhreit sràide agus sabaid air feadh nan Stàitean.

Fòill Fòna

Tha na Poilis agus na Bancaichean a' toirt comhairle do dhaoine mu bhith a' seachnadh iomairtean foill tron fòn. Tha an t-seòrsa seo de dh'fhoill air èirigh a thrì uimhir a rèir àireamhan ùra. Ann an aon eisimpleir bidh daoine a' fònadh a' toirt a chreid gur ann bhon bhanca a tha iad. Tha bancaichean ag ràdh ge-tà, nach iarr iad a chaoidh air daoine am PIN aca a thoirt seachad air a' fòn.