Aiseag Mhalaig air tòiseachadh a-rithist

'Lord of the Isles'
Image caption Bha dùil gun tòisicheadh an t-seirbheis aiseig Disathairne ach cha robh obair-càraidh deiseil ann an àm

Sheòl an MV Lord of the Isles a-mach à Loch Baghasdail Dimàirt 's seirbheis aiseig ga feuchainn eadar Uibhist a Deas agus Malaig airson na dàrna bliadhna sreath a' chèile.

Bha dùil gun tòisicheadh an t-seirbheis Disathairne ach chaidh na seòlaidhean a chur dheth leis nach robh obair-càraidh a bhathas a' dèanamh air an t-soitheach deiseil ann an àm.

Bha strì mhòr ann airson seirbheis-aiseig eadar Uibhist a Deas agus Malaig mus do dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba an uiridh gun deadh sgeama-dearbhaidh fheuchainn, tron Gheamhradh, fad trì bliadhna.

Buaidh na sìde

Chuir droch shìde bacadh mòr air an aiseag an-uiridh ge-tà, le seirbheisean tric gan cur dheth.

Thuirt Cal Mac gun robh iad an dòchas gum biodh an t-sìde na b' fhàbharaiche am-bliadhna, agus nach biodh aca ri uimhir de sheòlaidhean a chur dheth.

Tha cuid a bha a' strì airson na seirbheis ag ràdh ge-tà, gur ann as t-Samhradh a bu chòir dhan sgeama a bhith a' ruith nuair a tha seasan na turasachd aig àirde agus nuair nach toireadh droch shìde uimhir de bhuaidh oirre.

Thèid measadh a dhèanamh air mar a dh'obraich an t-seirbheis nuair a thig an sgeama-dearbhaidh gu ceann ann an 2016.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile