Fearg is toileachas mu ospadal ùr

Ospadal Phort Rìgh
Image caption Chuir Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd taic ri plana 'son ospadal ùr san Ath Leathann is ionad nas lugha am Port Rìgh.

Nochd sgaradh bheachd mu cho-dhùnadh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gus ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois a stèidheachadh san Ath Leathann.

Dh'aontaich am Bòrd Dimàirt gur e an t-Ath Leathann an làrach as fheàrr airson ospadail ùir le ionad nas lugha ann am Port Rìgh.

Thèid an co-dhùnadh deireannach a dhèanamh a-nise le Rùnaire na Slàinte, Shona Robison.

Tha luchd-iomairt ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich feargach mun ghnothach is tha iad a' gealltainn nach eil an t-strì seachad.

Tha iad ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid den t-sluagh a' fuireach ann an meadhan is ceann a tuath an eilein agus gur ann am Port Rìgh a bu chòir prìomh ionad slàinte na sgìre a bhith.

Dragh mòr

Nochd iad dragh mòr cuideachd gun tèid leapannan a chall aig Ospadal Phort Rìgh, is iad ag ràdh gur e dùnadh an ospadail a tha sin cha-mhòr.

Dh'fhàg iad cuideachd air a' Bhòrd Shlàinte nach robh an co-chomhairleachadh poblach aca ceart no cothromach.

"Tha daoine a' faireachdainn gun robh iad air an gearradh a-mach às a h-uile càil air sgàth gun tàinig an t-Ath Leathann anns a' chiad àite an toiseach. Bha iad a' faireachdainn gun robh a h-uile càil air a chur ann an àite mar-thà agus nach robh na beachdan aca luachmhor idir", thuirt fear den luchd-iomairt, Niall Fearghasdan.

"Tha Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh a bhith air a ceangal ris na coimhearsnachdan a-muigh anns na sgìrean mar na coimhearsnachdan againn fhìn.

"Mar sin, an uair a chì thu daoine anns a' choimhearsnachd a' tighinn thugad agus duilgheadasan mòra aca gu bheil iad air an gearradh a-mach às a h-uile càil dheth seo, feumaidh daoine a bhith ag èisteachd", thuirt e.

Sgrìobhaidh an luchd-iomairt a-nis gu Shona Robison.

Taic

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun do rinn iad co-chomhairleachadh san dòigh cheart is gun robh a' mhòr-chuid a thug seachad am beachd a' cur taic ri ospadal ùr san Ath Leathann.

Cho-dhùin Comhairle Slàinte na h-Alba cuideachd gun deach an co-chomhairleachadh a dhèanamh a rèir nan riaghailtean a th' ann.

Thuirt am Bòrd gum bi cùram coimhearsnachd nas fheàrr ann air a' cheann thall.

Sa cheann a deas den eilean agus air Tìr Mòr, chaidh fàilte a chur air a' cho-dhùnadh.

"Tha sinn air a bhith ag obair air tighinn chun na h-ìre a tha seo bho chionn cha-mhòr dà bhliadhna a-niste", thuirt an Comh. Hamish Friseal.

"Deasbad is co-dhùnaidhean"

"Tha sinn air mòran rannsachaidh a dhèanamh is mòran obair, deasbad agus co-dhùnaidhean a dhèanamh airson an là seo a chur air bhog", thuirt e.

Dh'iarr Mgr Friseal a-nise air sluagh na sgìre a' tighinn còmhla gus seirbheisean slàinte fhaighinn aig an ìre as àirde a ghabhas.

"Sin an dòigh air adhart - chan eil teagamh an sin.

"Tha uinneag againn an seo a dh'fhaodadh sinn a chur gu feum airson seirbheisean fhaighinn.

"Mura dèan sinn feum den sin - ge bith dè an t-adhbhar - tha e gu math soilleir dhomhsa gu bheil e a' cur dragh air iomadach duine nach fhaigh an adhbhar a tha seo a-rithist airson iomadach bliadhna", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile